Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsa Comhraidh (eadar-mheadhanach nas ìsle)

Cinn-latha: 30/03/20 - 03/04/20
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


 
 
 

**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**

Chaidh an cùrsa seo a dhealbhadh airson taic a chumail ri luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach nas ìsle aig a bheil beagan tuigse air a' Ghàidhlig ach nach eil cho siùbhlach nan cuid sgilean còmhraidh 's a bhiodh iad ag iarraidh.

Thèid taic shònraichte a thoirt seachad airson faighinn thairis air na duilgheadasan is suidheachaidhean a tha buailteach a bhith doirbh dha daoine le bhith a’ coimhead air is a’ ceartachadh mearachdan gràmair agus a' faighinn taic a thaobh fuaimneachaidh. Thèid cuideam a chur air cleachdadh na Gàidhlig a tha aig daoine mar-thà ach le barrachd misneachd agus gheibhear faclan is abairtean ùra cuideachd. Bu chòir gun cuidich sin le sgilean còmhraidh a bhios nàdarra is fileanta.

**AIRSON FIOS**: Gus pàirt a ghabhail sa chùrsa seo, bu chòir do dh'oileanaich a bhith air Cùrsaichean Goirid SMO a dhèanamh aig ìrean 5 is 6 agus comas còmhraidh meadhanach math aca, le tuigse is comas cleachdaidh air na puingean gràmair a leanas:

  • Tha an coimeas ri 'S e
  • Cò às a tha thu? / Càite bheil thu a’ fuireach?
  • À an coimeas ri às agus ann an/am an coimeas ri anns
  • Is toigh leam / Cha toigh leam
  • Tuairisgeulan air daoine (coltas agus feartan)
  • Tràthan sìmplidh (Bha / Tha / Bidh)
  • An tràth caithte - gnìomhairean riaghailteach/mì-riaghailteach agus ciamar a bhios iad gan cur an cèill leis na faclan ceiste Dè/Cò/Ciamar/Carson/Cuin/Càite. (An deach…? Cò chaidh…?)
  • An e/A bheil/Am bi/An toil/An robh/ Am bu toil/Am b’ fheàrr/An fheàrr agus ciamar a bhios iad gan cur an cèill leis na faclan ceiste Dè/Cò/Ciamar/Carson/Cuin/Càite.

Tuairmse air ìre:         

An Cùrsa Inntrigidh Earrann 3 (10-12) 

Cùrsaichean Gàidhlig aig ìre 5 & 6 (Cùrsaichean Goirid)

SCQF 5-6

Chan eil beàrnan ann ach airson dusan – glèidh àite an-dràsta gus am faigh thu cothrom air a' chùrsa!