Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsa Comhraidh (eadar-mheadhanach nas àirde) 2018

Cinn-latha: 06/08/18 - 10/08/18
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Joy Dunlop

Clàraich an-dràsta!


www.joydunlop.com
 

Chaidh an cùrsa seo a dhealbhadh airson taic a chumail ri luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach adhartach aig a bheil beagan tuigse air a' Ghàidhlig ach nach eil cho siùbhlach nan cuid sgilean còmhraidh 's a bhiodh iad ag iarraidh. Tha an dòigh-teagaisg aig Joy dealasach is spòrsail agus fàgaidh sin daoine nas cofhurtaile agus nas fhosgailte airson ionnsachadh gu nàdarra, agus thèid òrain, rannan, geamannan agus dòighean-teagaisg eile a chleachdadh gus còmhradh a bhrosnachadh.

'S ann às a' Choingheil ann an Earra Ghàidheal a tha Joy Dunlop, a tha na neach-teagaisg, craoladair agus dannsair air leth. Bidh i a' teagasg ann an Oilthigh Ghlaschu agus tha i cuideachd na neach-teagaisg air na Cùrsaichean air Astar agus Air-Loidhne aig Sabhal Mòr Ostaig, An Cùrsa Inntrigidh agus An Cùrsa Adhartais. 'S e seinneadair cliùiteach a tha ann an Joy agus i air Bonn Òir a chosnadh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2010 agus bidh i tric a’ bruidhinn air Radio nan Gàidheal.

Thèid taic shònraichte a thoirt seachad airson faighinn thairis air na duilgheadasan is suidheachaidhean a tha buailteach a bhith doirbh dha daoine le bhith a’ coimhead air is a’ ceartachadh mearachdan gràmair agus a' faighinn taic a thaobh fuaimneachaidh. Thèid cuideam a chur air cleachdadh na Gàidhlig a tha aig daoine mar-thà ach le barrachd misneachd agus gheibhear faclan is abairtean ùra cuideachd.  Bu chòir gun cuidich sin le sgilean còmhraidh a bhios nàdarra is fileanta.

Airson pàirt a ghabhail sa chùrsa seo, bu chòir do dh'oileanaich a bhith air Cùrsaichean Goirid SMO a dhèanamh aig ìrean 4, 5, 6, no ìre cho-ionnan ann an àite eile, agus comas còmhraidh meadhanach math a bhith aca, le tuigse is comas cleachdaidh air na puingean gràmair a leanas:

  • Tha an coimeas ri 'S e
  • Cò às a tha thu? / Càite bheil thu a’ fuireach?
  • À an coimeas ri às agus ann an/am an coimeas ri anns
  • Is toigh leam / Cha toigh leam
  • Tuairisgeulan air daoine (coltas agus feartan)
  • Tràthan sìmplidh (Bha / Tha / Bidh)
  • An e/A bheil/Am bi/An toil/An robh/Am bu toil/Am b’ fheàrr/An fheàrr agus ciamar a bhios iad gan cur an cèill leis na faclan ceiste Dè/Cò/Ciamar/Carson/Cuin/Càite.
  • A bheil do phiuthar a’ dol a sheinn?
  • Gam/gad
  • An tràth caithte - gnìomhairean riaghailteach/mì-riaghailteach agus ciamar a bhios iad gan cur an cèill leis na faclan ceiste Dè/Cò/Ciamar/Carson/Cuin/Càite.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF

  • An Cùrsa Inntrigidh Earrann 3 (10-12)    
  • Ìre 5/6 nan Cùrsaichean Goirid   
  • SCQF 5-6 SQA Standard Grade: Credit - Higher Gaelic (Learners)

Chan eil beàrnan ann ach airson deichnear – glèidh àite an-dràsta gus am faigh thu cothrom air a' chùrsa!