Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsa Còmhraidh le Iain & Muireall Urchardan

Cinn-latha: 10/04/17 - 14/04/17
Cosgais: £250 (£175 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Iain & Muireall Urchardan (John & Muriel Urquhart)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


Tha an cùrsa seo a-nis làn!  Faighnich mun liosta-feitheimh againn ma tha sibh airson ur n-ainm a chur air.

 

Chaidh an cùrsa seo a chur air bhonn airson luchd-ionnsachaidh aig ìre àrd - iadsan a tha airson am briathrachas a leudachadh agus na sgilean còmhraidh aca a neartachadh.

Bidh gach clas a' tòiseachadh le gnàth fhaclan, a' toirt cothrom do dhaoine eisimpleirean thogail bhom fèin-fhiosrachaidhean fhèin. Thathar an dùil gun tog na h-oileanaich am misneachd, am briathrachas agus na structaran ùra a bhrosnaicheas còmhraidhean beartach is siùbhlach.

Bidh an cùrsa fo stiùir Iain Urchardan, ’s dòcha le beagan taic bho a’ bhean, Muireall! Tha iadsan air a bhith a’ teagasg aig an t-Sabhal Mhòr fad bhliadhnaichean a-nis: a’ dèanamh chlasaichean do luchd-obrach agus oileanaich làn-ùine, agus a’ teagasg ghnàthasan-cainnt, abairtean feumail, sean-fhacail, briathrachas, sgeulachdan goirid – agus a’ toirt chothroman dhaibh uile a bhith a’ còmhradh aig ìre àrd.

’S ann às na Hearadh a tha Iain agus ’s an à Leòdhas a tha Muireall. A bharrachd air a bhith na thidsear ’s na mhinistear, ’s e neach-ealain, sgrìobhadair agus craoladair a th’ ann an Iain. Cluinnidh sibh air Rèidio nan Gàidheal e, guth a’ phrògraim chliùitich airson luchd-ionnsachaidh, Beag Air Bheag.

 

Bidh Iain cuideachd a' stiùireadh na cùrsaichean a' leanas:
17/07 - 21/07/2017 Beartais Cainnt (Language Enrichment)
31/07 - 04/08/2017 Cùrsa Fuaimneachaidh (Pronounciation Course)