Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsa Sgilean Fuaimneachaidh

Cinn-latha: 31/07/17 - 04/08/17
Cosgais: £250 (£175 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Iain & Muireall Urchardan (John & Muriel Urquhart)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


**Tha an cùrsa seo a-nis làn!  Faighnich mun liosta-feitheimh againn ma tha sibh airson ur n-ainm a chur air. **

Chaidh an cùrsa seo a chruthach do dh’oileanaich a tha adhartach sa Chànain ach a tha feumach air beagan de thaic a thaobh an cuid sgilean fuaimneachaidh - gus am bithear nas siùbhlaiche sna comasan labhairt aca. Tha an cùrsa seo iomchaidh do dhaoine a rinn na cùrsaichean cànain againn aig ìre 9 & 10 is cuideachd dhaibhsan a rinn Cùrsa Goirid ann am Flòdaigearraidh no fear a tha co-ionnan riutha seo.

Bidh an cùrsa fo stiùir Iain Urchardan, le beagan taic bho a’ bhean, Muireall! Tha iadsan air a bhith a’ teagasg aig an t-Sabhal Mhòr fad bhliadhnaichean a-nis, a’ toirt chlasaichean do luchd-obrach agus do dh’oileanaich làn-ùine agus a’ toirt chothroman dhaibh còmhraidhean a thogail suas gu, agus a chumail aig, ìre àrd.

’S ann às na Hearadh a tha Iain, agus a bharrachd air a bhith na thidsear is na mhinistear, ’s e neach-ealain, sgrìobhadair agus craoladair a th’ ann. Cluinnidh sibh air Rèidio nan Gàidheal e, guth a’ phrògraim cliùitich airson luchd-ionnsachaidh, Beag Air Bheag