Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsa Sgrìobhadh Cruthachail le Alison Lang

Cinn-latha: 13/08/18 - 17/08/18
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Alison Lang
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Chaidh an cùrsa seo a chruthach do dh’oileanaich a tha fileanta sa chànan (air no gu math adhartach) aig a bheil ùidh ann an sgrìobhadh cruthachail de rosg is dràma.  

Thairis air a’ chùrsa seo, eadar obair mar bhuidhinn is nad aonar, gheibhear taic le bhith a’ togail is a’ cur an cèill bheachdan, ag obair air structair, a’ leasachadh charactaran is eile, le amas sgeulachd ghoirid slàn no sgriobt goirid a bhith deiseil aig deireadh na seachdain. Gheibhear cothrom a bhith ag obair leat fhèin is cuideachd comhairle aghaidh ri aghaidh fhaighinn bhon neach-teagaisg.

Bidh an cùrsa seo fo stiùir Alison Lang is i air cliù a chosnadh airson na sgrìobh i sa Ghàidhlig a thaobh rosg (bho sgeulachdan goirid gu nobhailean) agus dràma (airson an àrd-ùrlair agus an sgàilein).  Tha i air a bhith na neach-deasachaidh Gàidhlig airson sreath Lasag aig  Sandstone Press, tha i cuideachd air leabhraichean a sgrìobhadh airson Clàr & Acair Books is chuideachd air a bhith mar neach-comhairle airson Stiùideo Dhàmadairean Alba agus Urras Leabhraichean na h-Alba.  Tha i tric air bruidhinn aig fèisean leabhraichean Dhùn Èideann, Ulapuil, agus Aye Wright, agus chaidh na leabhraichean aice ainmeachadh air geàrr-liostaichean nan duaisean Dhòmhnaill Mheek agus Comann na Croise.