Cùrsaichean na Càisge 2013

Cùrsaichean na Càisge 2013
Ann an 2013, tha Sabhal Mòr Ostaig a’ comharrachadh 40 bliadhna den Cholaiste agus leis an sin, bidh meall de thachartasan shònraichte is cùrsaichean ùra ri fhaotainn dhuibh. Bidh daoine bho air feadh an t-saoghail a' tighinn don Cholaiste gach bliadhna, a' gabhail a' chothruim coinneachadh ri daoine ùra agus beagan Gàidhlig no ceòl ionnsachadh ann an àrainn Ghàidhlig agus ann an sgìre shònraichte àlainn. Thòisich cùrsaichean goirid aig a’ Cholaiste ann an ionnsachadh Gàidhlig agus ceòl traidiseanta ann an 1973 agus a-nis, bidh còrr is 750 neach a’ tadhal oirnn thairis air a’ bhliadhna airson cùrsa goirid a ghabhail.
Tha fiosrachadh ri fhaighinn an seo airson daoine aig nach eòlas air an siostam clàraidh againn.
Tha tòrr fiosrachaidh feumail mu na Cùrsaichean, mun Cholaiste, is mun sgìre cuideachd san sgrìobhainn seo.
Fios_CG.pdf
Ma tha ceistean sam bith agad, cuir fios dhan Sgioba air +44 (0)1471 888 240 no air post-d sm00cg@uhi.ac.uk
Cinn-là is Cùrsaichean:
| Seachdain 1 | 1mh – 5mh An Giblean | Gàidhlig Ìre 1 | |
| Gàidhlig Ìre 3 | |||
| Gàidhlig Ìre 5 | |||
| Gàidhlig Ìre 7 | |||
| Gàidhlig Ìre 9 | |||
| Giotàr le Ross Martin | |||
| Òrain Ghàidhlig le Chitsine Primrose | |||
| Deireadh-seachdain | 5mh & 6mh An Giblean | 'Murt aig a' Bhanais!' | |
| Seachdain 2 | 8mh – 12mh An Giblean | Gàidhlig Ìre 2 | |
| Gàidhlig Ìre 4 | |||
| Gàidhlig Ìre 6 | |||
| Gàidhlig Ìre 8 | |||
| Gàidhlig Ìre 10 | |||
| Fidheall le Gabe McVarish | |||
| Dealbhachadh Digiteach le Cailean | |||
| Sgilean Còmhlain le Ailean MacEanraig | |||
| Pìobaireachd le Aonghas MacCoinnich | |||
Airson fios mu susbaint gach ìre de Ghàidhlig, bruth air na ceanglaichean gu h-ìosal.
| Gàidhlig Ìre 1 | Gàidhlig Ìre 2 |
| Gàidhlig Ìre 3 | Gàidhlig Ìre 4 |
| Gàidhlig Ìre 5 | Gàidhlig Ìre 6 |
| Gàidhlig Ìre 7 | Gàidhlig Ìre 8 |
Chaidh seo air ùrachadh mu dheireadh: 31/01/2013