Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsaichean Samhraidh 2017

 

Bidh sinn a' ruith cùrsaichean an t-samhraidh bho meadhan an t-Ògmhios gu deireadh an Lùnastal 2017.  Chì sibh gu h-ìosal na bhios sinn a' tairgsinn.

 

Ma tha ùidh agaibh anns na cùrsaichean againn, tha sinn a' moladh gun clàr sibh gus ur n-àite a ghlèidheadh. Aon uair 's a tha cùrsaichean làn, thèid an clàradh a dhùnadh - ach bidh sinn toilichte ur n-ainm a chur ri liosta-feitheimh.

Bidh sinn a' co-obrachadh gu dlùth le buidheann ionadail Seall, a th' air a bhith a' brosnachadh nan ealan is ciùil traidiseanta san sgìre bho chaidh a chur air chois ann an 1991. Airson barrachd fios mu dheidhinn na cuirmean-ciùil a bhios an seo san àm ri teachd, bheiribh sùil air an clàr-ama aca an seo.

 

Cinn-là is Cùrsaichean

 

19 - 23 An t-Ògmhios

Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh

Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh san Loidse (Stafain) - (Tha an cùrsa seo làn a-nis; cuiribh fios thugainn airson àite fhaighinn air an liosta-feithimh)

 

26 - 30 An t-Ògmhios

Gàidhlig san Eilean còmhla ri Muriel Fisher (Luchd eadar-mheadhanach) - (Tha an cùrsa seo làn a-nis; cuiribh fios thugainn airson àite fhaighinn air an liosta-feithimh)

 

03 - 07 An t-Iuchar

Pìobaireachd agus Drumaireachd fo aois 18

Seachdain nan Teaghlach (fiosrachadh ri thighinn tro na Bun-sgoiltean)

 

17 - 21 An t-Iuchar

Gàidhlig 1

Gàidhlig 2

Gàidhlig 3

Còmhradh sa Ghàidhlig aig Ìre Eadar-mheadhanch Ìosal le Muriel Fisher

Beartais Cainnnt le Iain & Muriel Urchardan

Òrain Ghàidhlig le Christine Primrose

Am Bogsa Piana le Addie Harper Jr

Am Bogsa Pùtain le Robert Nairn & Fergie MacDonald

Gàidhlig dha Luchd-labhairt na Gaeilge (Luchd-tòiseachdaidh)

 

22 - 28 An t-Iuchar

Cùrsa Fìdhlearachd le Alasdair Friseal  - (Tha an cùrsa seo làn a-nis; cuiribh fios thugainn airson àite fhaighinn air an liosta-feithimh)

Cùrsa Beus-fìdhle le Natalie Haas - (Tha an cùrsa seo làn a-nis; cuiribh fios thugainn airson àite fhaighinn air an liosta-feithimh)

 

 

24 - 28 An t-Iuchar

Eòlas mun Eilean sa Ghàidhlig còmhla ri Muriel Fisher (Luchd-tòiseachaidh)

*Chan eil àitichean-fuirich air fhàgail airson an t-seachdain seo*

 

31 An t-Iuchar - 4 An Lùnastal

Gàidhlig 1

Gàidhlig 3

Gàidhlig 5

Gàidhlig 7

Gàidhlig dha Luchd-labhairt na Gaeilge (Luchd-adhartaich) 

Còmhradh sa Ghàidhlig aig Ìre Eadar-mheadhanch nas àirde le Joy Dunlop - (Tha an cùrsa seo làn a-nis; cuiribh fios thugainn airson àite fhaighinn air an liosta-feithimh)

Cùrsa Fuaimneachaidh le Iain & Muriel Urchardan (Luchd-adhartaich) - (Tha an cùrsa seo làn a-nis; cuiribh fios thugainn airson àite fhaighinn air an liosta-feithimh)

 

7 - 11 An Lùnastal

Gàidhlig 2

Gàidhlig 4

Gàidhlig 6

Gàidhlig 8

Clàrsach le Ingrid NicEangraig

'Sealladh Mara air Òrain Ghàidhlig' le Maighread Stiùbhairt

Fìdhlearachd le Charlie Mckerron - (Tha an cùrsa seo làn a-nis; cuiribh fios thugainn airson àite fhaighinn air an liosta-feithimh)

Còmhradh sa Ghàidhlig aig Ìre Eadar-mheadhanch nas àirde le Joy Dunlop - (Tha an cùrsa seo làn a-nis; cuiribh fios thugainn airson àite fhaighinn air an liosta-feithimh)

 

14 - 18 An Lùnastal

Gàidhlig 1

Gàidhlig 3

Gàidhlig 5

Gàidhlig 7

Gàidhlig 9

Dealbhadaireachd Didseatach

Sgrìobhadh Cruthachail sa Ghàidhlig le Alison Lang

Sgoil Phìobaireachd nan Eilein

 

21 - 25 An Lùnastal

Gàidhlig 2

Gàidhlig 4

Gàidhlig 6

Gàidhlig 8

Gàidhlig 10

Am Bocsa Piana le Mairearad Green

Campa Samhraidh Sgoil Fhidhlearachd le Adam Sutherland

Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh

 

 

Airson fios mu susbaint gach ìre de Ghàidhlig, bruth air na ceanglaichean gu h-ìosal.

Gàidhlig Ìre 1 Gàidhlig Ìre 2
Gàidhlig Ìre 3 Gàidhlig Ìre 4
Gàidhlig Ìre 5 Gàidhlig Ìre 6
Gàidhlig Ìre 7 Gàidhlig Ìre 8
Gàidhlig Ìre 9 Gàidhlig Ìre 10
Fios Co-ionnanachd na Cùrsaichean

 

Tha fiosrachadh ri fhaighinn an seo airson daoine aig nach eòlas air an siostam clàraidh againn.

Tha cuideachadh leis an t-siostam OGE ri fhaotainn aig helpdesk@uhi.ac.uk neo air +44 (0) 1463 279 150.

Ma tha ceistean sam bith eile agaibh, cuir fios dhan Sgioba air +44 (0)1471 888 240 no air post-d sm00cg@uhi.ac.uk.