Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsaichean Samhraidh 2018

 

Bidh sinn a' ruith cùrsaichean an t-samhraidh bho toiseach an Iuchar gu deireadh an Lùnastal 2018.  Chì sibh gu h-ìosal na bhios sinn a' tairgsinn agus gur dòcha gun tèid cùrsa no dhà a chur ris a' chlàr seo fhathast.

Ma tha ùidh agaibh anns na cùrsaichean againn, tha sinn a' moladh gun clàr sibh gus ur n-àite a ghlèidheadh.  Aon uair 's a tha cùrsaichean làn, thèid an clàradh a dhùnadh - ach bidh sinn toilichte ur n-ainm a chur ri liosta-feitheimh.

Ma tha ceistean sam bith eile agaibh, cuir fios dhan Sgioba air +44 (0)1471 888 240/246 no air post-d.

Bidh sinn a' co-obrachadh gu dlùth le buidheann ionadail Seall, a th' air a bhith a' brosnachadh nan ealan is ciùil traidiseanta san sgìre bho chaidh a chur air chois ann an 1991. Airson barrachd fios mu dheidhinn na cuirmean-ciùil a bhios an seo san àm ri teachd, bheiribh sùil air an clàr-ama aca an seo.

 

Cinn-là is Cùrsaichean

 

02 - 06 An t-Iuchar

Pìobaireachd agus Drumaireachd (fo aois 18) le Iain MacPhàidean & Anndra Mac a' Phearsain

Seachdain nan Teaghlach (fiosrachadh ri thighinn tro na Bun-sgoiltean)

 

09 - 13 An t-Iuchar

Òrain Ghàidhlig le Christine Primrose

Gàidhlig 1

Gàidhlig 2

Còmhradh sa Ghàidhlig aig Ìre Eadar-mheadhanch Ìosal le Muriel Fisher

Am Bogsa Piana le Addie Harper Jr & Stephanie Harper

Am Bogsa Pùtain le Robert Nairn & Fergie MacDonald

Gàidhlig dha Luchd-labhairt na Gaeilge (Luchd-tòiseachdaidh)

 

16 - 20 An t-Iuchar

Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh

 

21 - 27 An t-Iuchar

Cùrsa Fìdhlearachd le Alasdair Friseal

Cùrsa Beus-fìdhle le Natalie Haas

 

23 - 27 An t-Iuchar

Eòlas mun Eilean sa Ghàidhlig còmhla ri Muriel Fisher (Luchd-tòiseachaidh)

 

30 An t-Iuchar - 3 An Lùnastal

Gàidhlig 1

Gàidhlig 3

Gàidhlig 5

Gàidhlig 7

Gàidhlig dha Luchd-labhairt na Gaeilge (Luchd-adhartaich)

Ensemble Ciùil Tradaiseanta le Innes Watson

Sgoil Phìobaireachd nan Eilein le Decker Forrest is eile

 

06 - 10 An Lùnastal

Gàidhlig 2

Gàidhlig 4

Gàidhlig 6

Gàidhlig 8

'Sealladh Mara air Òrain Ghàidhlig' le Maighread Stiùbhairt

Clarsach le Ingrid Henderson

 

13 - 17 An Lùnastal

Gàidhlig 1

Gàidhlig 3

Gàidhlig 5

Gàidhlig 7

Gàidhlig 9

Dealbhadaireachd Didseatach le Cailean MacGilleathain

Sgrìobhadh Cruthachail sa Ghàidhlig le Alison Lang

 

20 - 24 An Lùnastal

Gàidhlig 2

Gàidhlig 4

Gàidhlig 6

Gàidhlig 8

Gàidhlig 10

Campa Samhraidh Sgoil Fhidhlearachd le Adam Sutherland

Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh

 

 

Airson fios mu susbaint gach ìre de Ghàidhlig, bruth air na ceanglaichean gu h-ìosal.

Gàidhlig Ìre 1 Gàidhlig Ìre 2
Gàidhlig Ìre 3 Gàidhlig Ìre 4
Gàidhlig Ìre 5 Gàidhlig Ìre 6
Gàidhlig Ìre 7 Gàidhlig Ìre 8
Gàidhlig Ìre 9 Gàidhlig Ìre 10
Fios Co-ionnanachd na Cùrsaichean

 

Tha fiosrachadh ri fhaighinn an seo airson daoine aig nach eòlas air an siostam clàraidh againn.

Tha cuideachadh leis an t-siostam OGE ri fhaotainn aig helpdesk@uhi.ac.uk neo air +44 (0) 1463 279 150.

Ma tha ceistean sam bith eile agaibh, cuir fios dhan Sgioba air +44 (0)1471 888 240 no air post-d sm00cg@uhi.ac.uk.