Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsaichean Samhraidh 2020

Bidh sinn a' ruith cùrsaichean an t-samhraidh bho dheireadh an t-Ògmhios gu deireadh an Lùnastail 2020.  Chì sibh gu h-ìosal na bhios sinn a' tairgsinn agus is dòcha gun tèid cùrsa no dhà a chur ris a' chlàr seo fhathast.

Ma tha ùidh agaibh anns na cùrsaichean againn, tha sinn a' moladh gun clàraich sibh gus ur n-àite a ghleidheadh.  Aon uair 's a tha cùrsaichean làn, thèid an clàradh a dhùnadh - ach bidh sinn toilichte ur n-ainm a chur ri liosta-feitheimh.

Ma tha ceistean sam bith eile agaibh, cuiribh fios dhan Sgioba air +44 (0)1471 888 240/246 no air post-d.

Bidh sinn a' co-obrachadh gu dlùth le buidheann ionadail Seall, a th' air a bhith a' brosnachadh nan ealan is ciùil traidiseanta san sgìre bho chaidh a chur air chois ann an 1991. Airson barrachd fios mu dheidhinn nan cuirmean-ciùil a bhios an seo san àm ri teachd, thoiribh sùil air a' chlàr-ama aca an seo.

 

Cuir fios thugainn ma tha cairt Young Scot agaibh, gheibh thu 30% dheth an cùrsa agaibh!

 

Cinn-là is Cùrsaichean

Bidh sinn a chur barrachd chùrsaichean an seo tro na bliadhna, 's mar sin, mura h-eil sibh a' faicinn cùrsa freagarrach fhathast, nach tillibh sibh!

29 An t-Ògmhios - 03 An t-Iuchar

Gàidhlig 1

Gàidhlig 3

Gàidhlig 5

Gàidhlig 7

Còmhradh is Cainnt (Ìre Adhartach) le Ailig 'Bhaltos' Dòmhnallach

*CÙRSA ÙR* Cùrsa Fìdhlearachd le Duncan Chisholm

Òrain Ghàidhlig le Cairistìona Primrose

 

06 - 10 An t-Iuchar

Pìobaireachd & Drumaichean le Iain MacPhàidean & Anndra Mac a' Phearsain

Seachdain nan Teaghlach (fiosrachadh ri thighinn tro na Bun-sgoiltean)

 

13 - 17 An t-Iuchar

Gàidhlig 1

Gàidhlig 2

Am Bogsa Piana le Addie Harper Jr

Am Bogsa Pùtain le Fergie Dòmhnallach

Cùrsa Còmhraidh (LI)

Gaelic for Irish Speakers (Beginners) More info to come

 

 

20 - 24 An t-Iuchar

Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh

 

 

27 - 31 An t-Iuchar

Eòlas mun Eilean (Gàidhlig do Luchd-tòiseachaidh) le Muriel Fisher

 

 

03 - 07 An Lùnastal

Gàidhlig 2

Gàidhlig 4

Gàidhlig 6

Gàidhlig 8

Ukulele le Finlay Allison

*CÙRSA ÙR* Cùrsa Sgilean Fuaimneachaidh le Iain Urchardan

Gaelic for Irish Speakers (Advanced) More info to come

 

10 - 14 An Lùnastal

Gàidhlig 1 

Gàidhlig 3

Gàidhlig 5

Gàidhlig 7

Gàidhlig 9

Cùrsa Fìdhlearachd còmhla ri Charlie McKerron

Beul-Aithris is Dualchas còmhla ri Màiri Sìne Chaimbeul

Dealbhadaireachd Didseatach le Cailean MacGilleathain

 

 

17 - 21 An Lùnastal

Gàidhlig 2

Gàidhlig 4

Gàidhlig 6

Gàidhlig 8

Gàidhlig 10

Ensemble Ciùil Thraidiseanta le Innes Watson

*CÙRSA ÙR* Dannsa-ceum le Mats Melin

Fìdhlearachd le Ewen Henderson

 

 

Airson fios mu shusbaint gach ìre de Ghàidhlig, brùth air na ceanglaichean gu h-ìosal.

Gàidhlig Ìre 1 Gàidhlig Ìre 2
Gàidhlig Ìre 3 Gàidhlig Ìre 4
Gàidhlig Ìre 5 Gàidhlig Ìre 6
Gàidhlig Ìre 7 Gàidhlig Ìre 8
Gàidhlig Ìre 9 Gàidhlig Ìre 10
Fios Co-ionnanachd nan Cùrsaichean

 

Tha fiosrachadh ri fhaighinn an seo airson daoine aig nach eòlas air an t-siostam clàraidh againn.

Tha cuideachadh leis an t-siostam OGE ri fhaotainn aig helpdesk@uhi.ac.uk neo air +44 (0) 1463 279 150.

Ma tha ceistean sam bith eile agaibh, cuiribh fios dhan Sgioba air +44 (0)1471 888 240 no air post-d sm00cg@uhi.ac.uk.