Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Ensemble Ciùil Thraidiseanta le Innes Watson

Cinn-latha: 30/07/18 - 03/08/18
Cosgais: £260. (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Innes Watson

Clàraich an-dràsta!


 

 
 
 
 

Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte cùrsa goirid ùr a thabhann leis an sàr neach-ciùil Innes Watson.

Sa chùrsa seo, bidh Innes gad stiùireadh air an t-slighe eadar neach-ciùil fa leth agus ball còmhlain, is sinn ag ionnsachadh agus a' teagasg le càch a chèile mu cheòl coitcheann traidiseanta na h-Alba air a bheil buaidh na h-Alba san latha an-diugh.

Tha fàilte ron a h-uile duine – às bith dè an aois a tha thu agus dè na comasan is ionnstramaidean a th' agad – cuiridh sinn na th' againn gu feum agus bithear a' brosnachadh gach duine a thighinn a chluich còmhla agus gad ullachadh airson cothrom obrach le duine sam bith a thogras tu fhèin!

'S e neach-ciùil cliùiteach ioma-ionnstramaid a th' ann an Innes Watson à Glaschu, a tha air grunn duaisean a chosnadh agus a tha air a bhith an sàs fad còrr is deich bliadhna ann an cluich, clàradh, teagasg is riochdachadh ciùil cho-aimsireil agus thraidiseanta. Thogadh e ann an sgìre nan Crìochan, far an robh e air a chuairteachadh le taic cheòlmhor a bhrosnaich a chuid sgilean, chomasan, ùidh agus cliù a tha ga fhàgail mar neach-ciùil air a bheil meas agus fèill mhòr ann an saoghal a' chiùil.