Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Eòlas mun Eilean sa Ghàidhlig le Muriel Fisher

Cinn-latha: 23/06/14 - 27/06/14
Cosgais: £225 (£160 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Muriel Fisher
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


'S a chùrsa sònraichte seo bhithear a' ceangal teagasg mì-fhoirmeil sa Ghàidhlig ri eòlas ceart mun Eilean Sgitheanach. Chaidh Muriel a thogail san Eilean agus a bharrachd air a bhith a' teagasg ann an Sabhal Mòr Ostaig tha i air a bhith a' teagasg Gàidhlig ann an Ionad Gàidhlig Tucson, Oilthigh Arizona, agus air feadh an t-saoghail, fad còrr is 20 bliadhna. Tha còrr is 1000 oileanach air eòlas is tlachd fhaighinn às a' Ghàidhlig on an deagh theagasg aig Muriel. B' ann air glùin a mhàthar a dh'ionnsaich i a cuid Gàidhlig agus tha dàimh làidir aice leis na Hearadh agus an Eilean Sgitheanach, mar sin, ionnsaichidh tu Gàidhlig cheart mar a thathas ga bruidhinn anns na h-Eileanan san latha an-diugh. Gheibh thu ionnsachadh tlachdmhor is nàdarra air a' Ghàidhlig às an dòigh teagaisg spòrsail is aotrom aig Muriel.

Tha an cùrsa seo freagarrach do dh'oileanaich aig a bheil beagan no aig nach eil a' Ghàidhlig. Bidh cuid den chùrsa stèidhichte aig a' Cholaiste, agus cuid eile ga chosg a' rannsachadh àrainneachd is eachdraidh an Eilein Sgitheanaich. Anns na clasaichean, bidh bùth-obrach fuaimneachaidh ann, teagasg air abairtean bunasach is feumail, agus sgilean bunasach air gràmar is cànan. Agus fad air falbh on chlas, cuiridh na h-oileanaich an cànan ùr aca an gnìomh is a h-uile latha bidh iad a' cur ris an eòlas aca air a' Ghàidhlig. Ionnsaichidh iad mun chiall Ghàidhlig is Lochlannaich a th' air ainmean-àite an Eilein, agus feadhainn de na sgeulachdan co-cheangailte ris na sgìrean sin, fhad 's a chuireas iad eòlas air bòidhchead an Eilein.

Tha an cùrsa seo ag amas air luchd-ionnsachaidh aig an fhìor thoiseach agus bidh cùrsa Alasdair Fhriseil (an fhidheall) agus Natalie Haas (cello) a' dol aig a' cheart àm, mar sin, bidh ceòl is craic gu leòr ann aig a' Cholaiste air an oidhche.