Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Eòlas mun Eilean sa Ghàidhlig le Muriel Fisher

Cinn-latha: 23/07/18 - 27/07/18
Cosgais: £280 (£190 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Muriel Fisher

Clàraich an-dràsta!


Anns a' chùrsa shònraichte seo bithear a' ceangal teagasg mì-fhoirmeil sa Ghàidhlig ri eòlas ceart mun Eilean Sgitheanach. Tha an cùrsa seo freagarrach do dh'oileanaich aig a bheil beagan Gàidhlig, no aig nach eil a' Ghàidhlig. Bidh cuid den chùrsa stèidhichte aig a' Cholaiste, agus cuid eile ga chosg a' rannsachadh àrainneachd is eachdraidh an Eilein Sgitheanaich. Anns na clasaichean, bidh bùth-obrach fuaimneachaidh ann, teagasg air abairtean bunasach is feumail, agus sgilean bunasach air gràmar is cànan. Agus fad air falbh on chlas, cuiridh na h-oileanaich an cànan ùr aca an gnìomh is a h-uile latha bidh iad a' cur ris an eòlas aca air a' Ghàidhlig. Ionnsaichidh iad mun chiall Ghàidhlig is Lochlannaich a th' air ainmean-àite an Eilein, agus feadhainn de na sgeulachdan co-cheangailte ris na sgìrean sin, fhad 's a chuireas iad eòlas air bòidhchead an Eilein.

Tha na cuairtean an eisimeil na sìde  agus bheiridh seo buaidh air planaichean an latha.  Thathar an dùil gum bi comas coiseachd air co-dhiù dà mhìle aig gach leis gu bheil na sgrìoban seo mar phàirt chudromach dhen chùrsa.  Chan eil biadh no deoch an lùib prìs a' chùrsa, ach tha bracaist an lùib prìs àite-fuirich na colaiste. Airson barrachd fiosrachaidh mun àite-fuirich againn, thoiribh sùil an seo.

Chaidh Muriel a thogail san Eilean agus a bharrachd air a bhith a' teagasg ann an Sabhal Mòr Ostaig tha i air a bhith a' teagasg aig Oilthigh Arizona, agus air feadh an t-saoghail, fad còrr is 20 bliadhna.  Mar chomharra air a h-obair is na comasan aice, chaidh urram cliùiteach, an duais "Excellence in Community Linguistics", a chur air Muriel le The Linguistic Society of America airson "her outstanding work with the teaching, promotion and documentation of Scottish Gaelic."

Tha an cùrsa seo ag amas air luchd-ionnsachaidh aig an fhìor thoiseach agus bidh cùrsa Alasdair Fhriseil (an fhidheall) agus Natalie Haas (cello) a' dol aig a' cheart àm, mar sin, bidh ceòl is craic gu leòr ann aig a' Cholaiste air an oidhche.