Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Fidhlearachd

Cinn-latha: 09/03/19 - 10/03/19
Cosgais: £100 (£80 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Ronan Martin and Mike Vass
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Gheibh thu cothrom air a’ chùrsa deireadh-seachdain seo do bhogadh fhèin anns na dòighean-cluich airson taic a chumail ri dannsa ceum. Thèid an cùrsa a theagasg leis an t-sàr luchd-ciùil Ronan Màrtainn agus Mike Vass. Bidh sinn ag ionnsachadh roghainn de phuirt, a leithid strathspeys, ruidhlean agus jigs. Thèid do dheisealachadh air a’ chùrsa airson cluich le spionnadh còmhla ri dannsairean ceum agus, leis gum bi an cùrsa ann aig a' cheart àm 's a bhios an cùrsa dannsa ceum le Sophie NicSteaphain ann, bidh pailteas chothroman ann feasgar airson port no dhà a chluich do na dannsairean! Chan eil beatadh air deireadh-seachdain sònraichte anns an Eilean Sgitheanach le deagh ceòl, dannsa is craic!

Tha an cùrsa seo ag amas air fìdhlearan aig ìre eadar-mheadhanach nas ìsle agus eadar-mheadhanach nas àirde.

Bidh thu ag ionnsachadh nam port tro èisteachd agus gheibh thu ceòl sgrìobhte aig deireadh a’ chùrsa.

Bidh cuirm leis an fhìdhlear Màiri Chaimbeul ann oidhche Shathairne, ‘Auld Lang Syne’, a chaidh taisbeanadh aig Fringe Dhùn Èideann an-uiridh (gheibhear tiocaidean bho SEALL).

 

Ronan

Chaidh an sàr fhìdhlear Albannach, Ronan Màrtainn, a thogail ann an teaghlach ceòlmhor anns an Eilean Sgitheanach agus thòisich e a’ cluich aig trì bliadhna a dh'aois. Bidh e a’ cluich ceòl dannsa ann an stoidhlichean a' chinn a tuath is an taobh siar le neart is liut agus dòigh-cluich aoibhneach aige a chuireas sunnd nad chridhe. Tha Ronan air cluich airson iomadh dannsair is buidheann a leithid Dannsa, Fred Morrison, Ceòlas agus Scottish Step Dance Company. Tha e air a bhith na neach-oide air a’ chùrsa BA Ceòl Thraidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig agus fad grunn bhliadhnaichean tha e air a bhith a’ cluich do na bùithtean-obrach dannsa-ceum aca cuide ri Harvey Peutan (Ceap Breatainn) agus Keri (Alba). Tha Ronan air cluich air feadh na Roinn Eòrpa agus ann an Canada, Ameireaga, Astràilia, Na h-Innseachan, Libia agus, o chionn goirid, ann an Quebec airson nan dannsairean aig Caroline Reagh (Alba) agus Mac Morin à Ceap Breatainn airson 350 bliadhna dhen coimhearsnachd Cree ann an Waskaganish a chomharrachadh. Ann an 2008 chlàraich e a chiad albam air an robh fèill mhòr dha-rìribh. Bha an clàr a' comharrachadh ceòl Gàidhealach agus traidiseanta na fìdhle agus e ann an cuideachd an t-sàr chluicheadair giotàr Jonny Hardie bho Old Blind Dogs. Sgrìobh Fiddler Magazine (USA) mun chlàr “astonishingly crisp and powerful” agus “a masterful work of splendour that will endure”.

Mike

’S e sàr neach-ciùil cruthachail traidiseanta a th’ ann am Mike Vass. Tha Mike air an t-uabhas obair ciùil a chruthachadh mar chluicheadair, sgrìobhadair, riochdaire agus eagraiche. Nochd e tràth ann an saoghal a' chiùil mar fhìdhlear òg tàlantach, chùm e taic do dh'iomadh seinneadair Gàidhlig is Beurla Ghallda, tha e air taisbeanaidhean ioma-mheadhan a thoirt gu buil, tha e air grunn chlàraidhean le sàr sheinneadairean Albannach agus Albais a riochdachadh agus ceòl eagrachadh do chòmhlanan cliùiteach.

Nochd ‘Notes from the Boat’ ann an 2018, a rinn e còmhla ris an luchd-ciùil thàlantach Duncan Chisholm, Corrina Hewat agus Anna Massie; agus coimisean airson Fèis Fìdhlearachd na h-Alba, ‘The Four Pillars’, cuide ri Lauren MacColl, Patsy Reid agus Jenna Reid. Thèid cuairt òrain ùr, ‘Save His Calm’, a chur air bhog am-bliadhna aig Celtic Connections.