Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsa Fìdhlearachd na Garbh-chrìochan le Iain MacPhàrlain

Cinn-latha: 01/04/19 - 05/04/19
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Iain Macfarlane
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte an cùrsa ùr Fìdhlearachd a thabhann am-bliadhna còmhla ris an neach-ciùil thàlantach, Iain MacPhàrlain.

Thugainn agus ionnsaich ciamar a chluicheas tu stoidhle shònraichte nan Garbh-chrìochan air an fhidhill leis an t-sàr neach-ciùil thraidiseanta, Iain MacPhàrlain. Air a’ chùrsa seo, bithear a’ sùileachadh gun ionnsaich sibh roghainn de phuirt sna h-òrain Ghàidhlig, ridhleachan na pìoba agus na sgeulachdan air cùl nam port.

Tha an cùrsa seo ga theagasg tro bhith ag èisteachd agus gheibhear ceòl sgrìobhte aig deireadh a’ chùrsa. Bu chòir gum bi na h-ionnstramaidean agaibh fhèin còmhla ribh agus bu chòir gum bi cluicheadairean aig ìre eadar-mheadhanach no nas àirde.

Mu dheidhinn Iain:

Rugadh agus thogadh Iain ann an Gleann Fhionnainn agus bha e air a bhogadh ann an ceòl na sgìre bhon a bha e na ghille òg. Tha Iain aithnichte airson a bhith a’ cluich còmhla ri Blazin Fiddles agus Glenfinnan Ceilidh Band, ach tha e cuideachd air cluich còmhla ri luchd-ciùil a leithid Boys of the Lough, Phil Cunningham, Fearchar MacRath agus Fergie Dòmhnallach. Tha Iain air a bhith an sàs gu mòr ann an teagasg thar nam bliadhnaichean agus tha e an-dràsta na phrìomh neach-oide fìdhlearachd aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd. A bharrachd air sin, tha companaidh riochdachadh ciùil aige, Old Laundry Productions, stèidhichte ann an Gleann Fhionnainn agus tha a’ chompanaidh seo air a bhith gu math soirbheachail is iad air clàran a leithid ‘Dual’ le Julie Fowlis, ‘Farrar’ le Duncan Chisholm agus ‘Cillebride’ le Kathleen NicAonghais fhoillseachadh. Dh'fhoillsich Iain a chlàr ùr fhèin, ‘Gallop to Callop’, ann an 2016.

“Tha Iain làn-airidh air a chliù airson na tha de dh'aoibhneas a bhios e a' taisbeanadh na chuid chuirmean-ciùil.”

Tha barrachd fiosrachaidh mu Iain an seo