Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsa Fìdhle le Charlie McKerron

Cinn-latha: 13/08/18 - 17/08/18
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)

Clàraich an-dràsta!


 

 

 

 

 

 

Tha cothrom air leth an lùib a’ chùrsa seo airson seachdain a chur seachad cuide ri fìor eòlaiche fìdhlearachd Albannach agus mar sin tha e freagarrach do dh’fhìdhlearan a tha air co-dhiù an ìre eadar-mheadhanach a ruigsinn. Bheir an cùrsa sùil air dòighean air ionnsachadh tro èisteachd, agus thèid ùine a chur seachad a' leasachadh dhòighean cluiche is ruitheaman, le buaidh mhòr air co-sheirm gus am bi an t-seachdain cho ceòlmhor 's a ghabhas. Thèid ceòl sgrìobhte a thoirt seachad airson gach port a tha air a chluich tron Chùrsa.  Thathar a’ moladh gun toir oileanaich leotha am fìdheall fhèin.

Chan eil beàrnan ann ach airson 20 neach – glèidhibh àite air a' chùrsa an-dràsta!

Tha Charlie Mckerron air fear dhen luchd-ciùil as ainmeile ann an saoghal ceòl traidiseanta na h-Alba bho thoiseach nan 1980an agus tha e air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail mar fhìdhlear cho math 's a tha ann an Alba. Tha e a' cluich anns a' chòmhlan-chiùil chliùiteach Capercaillie agus tha e air co-obrachadh cuide ri iomadh neach-ciùil eile agus air cluich ann an còmhlanan eile a leithid SessionA9. Chaidh Charlie a thogail ann an dualchas fìdhlearachd ceann an ear-thuath na h-Alba ach bhon uair sin tha e air a bhogadh fhèin ann an dualchas ceòl na Gàidhlig cuide ri Capercaillie a tha air ceòl Gàidhlig a thoirt gu aire muinntir na cruinne.

 

Thoiribh sùil air seo airson an tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn air Charlie Mckerron agus Session A9.