Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsa Fìdhle le Charlie McKerron is eile

Cinn-latha: 07/08/17 - 11/08/17
Cosgais: £250 (£175 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Charlie McKerron, Allan Henderson & Patsy Reid
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


 

 

 

 

Tha an cùrsa seo loma-làn a-nis.  Faighnichibh mun liosta-feitheimh

 

Tha cothrom air leth an lùib a’ chùrsa seo airson seachdain a chur seachad cuide ri fìor eòlaiche fìdhlearachd Albannach agus mar sin tha e freagarrach do dh’fhìdhlearan a tha air co-dhiù an ìre eadar-mheadhanach a ruigsinn. Bheir an cùrsa sùil air dòighean air ionnsachadh tro èisteachd, agus thèid ùine a chur seachad a' leasachadh dhòighean cluiche is ruitheaman, le buaidh mhòr air co-sheirm gus am bi an t-seachdain cho ceòlmhor 's a ghabhas. Thèid ceòl sgrìobhte a thoirt seachad airson gach port a tha air a chluich tron Chùrsa.  Thathar a’ moladh gun toir oileanaich leotha am fìdheall fhèin.

Leis nach bi Charlie an làthair aig tòiseach a’ chùrsa, tha e air faighneachd air Patsy Reid a tighinn shuas airson an dà latha nuair nach bi e an seo agus tha e air cuireadh a thoirt dha Ailean MacEanraig cha mhòr fad na seachdain. Leis gu cliùiteach ‘s tha an cùrsa seo, an cuide ri barrachd luchd-oide, thèid an cùrsa a sgaradh ann an dà leth agus thèid na h-oidean am measg an dà bhuidhinn gus am faighear oideachadh bho gach neach.

Chan eil beàrnan ann ach airson 24 neach – glèidhibh àite air a' chùrsa an-dràsta!

Tha Charlie Mckerron air fear dhen luchd-ciùil as ainmeil ann an saoghal ceòl traidiseanta na h-Alba bho thoiseach nan 1980an agus tha e air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail mar fhìdhlear cho math 's a tha ann an Alba. Tha e a' cluich anns a' chòmhlan-chiùil chliùiteach Capercaillie agus tha e air co-obrachadh cuide ri iomadh neach-ciùil eile agus air cluich ann an còmhlanan eile a leithid SessionA9. Chaidh Charlie a thogail ann an dualchas fìdhlearachd ceann an ear-thuath na h-Alba ach bhon uair sin tha e air a bhogadh fhèin ann an sruth dualchais na Gàidhlig cuide ri Capercaillie a tha air ceòl Gàidhlig a thoirt gu aire muinntir na cruinne.

Thoir sùil air seo airson an tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn air Charlie Mckerron agus Session A9.

Rugadh Patsy Reid ann an Siorrachd Pheairt is i na neach-ciùil iomadh-ionnsramaid air leth thàlantach far a bheil i gu sònraichte a cluich air an àrd-ùrlar, a’ teagaisg agus a’ sgrìobh an cèol Albanach.   ‘S i bha, is tha, an tè às òige a bhuannaich an co-fharpais ainmeil Glenfiddich Fiddle Championship agus cuideachd chur i air bhonn an comhlan ainmeil Breabach.  Cheumnaich Patsy bho Oilthigh Srath Chluaidh ann an 2004.  Deich bliadhna às dèidh sin, thug i a-mach an treasamh clàr aice, The Brightest Path, a chaidh air adhart airson ‘Clàr na Bliadhna’ aig na Duaisean Trad.  Tha i an-dràsta ag obair air an ceathramh clàr aice far am bi cuid dhen chiùil a’ sgrìobh i fhèin na lùib.

Rugadh is thogadh Ailean MacEanraig sa Ghàidhealtachd an Iar is e gu mòr an sàs ann an ath bheothachadh cultair na Gàidhlig san sgìre sin. Dh’ ionnsaich Ailean an fhidheall fo stiùir Abrach aig a bheil cliù mar sar chluicheadair is neach-teagaisg,  Aonghas Grannda agus cheumnaich Ailean air a’ chiad chùrsa den chùrsa cheòl traidiseanta a bh’ aig an RSAMD (RCS a-nis).  Tha cliù aig Ailean ann an saoghal ciùil traidiseanta na h-Alba agus tha e air a bhith na bhall de dh’ iomadh chòmhlain ach bha e an sàs ann am Blazin’ Fiddles bhon fhìor thoiseach. Bha Ailean na cheòladair air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig agus bidh e fhathast a’ teagasg aig a’ Cholaiste bho àm gu àm.