Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Fìdhlearachd le Patsy Reid

Cinn-latha: 01/06/19 - 02/06/19
Cosgais: £100 (£80 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Patsy Reid
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Picture of Patsy

www.patsyreid.com

 

Èist an seo!

’S ann à Siorrachd Pheairt a tha Patsy Reid is i na neach-ciùil, neach-oide is sgrìobhaiche-ciùil air leth.

Às dèidh dhi an còmhlan-ciùil Breabach fhàgail ann an 2011, tha fèill mhòr air a bhith oirre mar chluicheadair agus neach-eagrachaidh agus tha i air a bhith a’ toirt taic do phròiseactan eile agus gam beothachadh leis an dòigh-chluiche shònraichte a th’ aice air an fhidhill. Eadar fidheall, viola agus cello, tha Patsy air an t-uabhas a chur ri clàraidhean chluicheadairean eile, a leithid Zakir Hussain, Donald Shaw, Flook, Kathryn Tickell agus Duncan Chisholm. Chithear i gu tric air an àrd-ùrlar a' cumail taic ri Julie Fowlis, Donald Shaw, Ross Ainslie is Ali Hutton agus Hamish Napier. On a thòisich i a' teagasg aig Campa Fìdhlearachd Eilean an Fhraoich air ais ann an 2002, tha fèill mhòr air a bhith oirre mar neach-oide.

Aithnichte airson a bhith a’ cur beum mòr air dòighean-cluiche teicnigeach, bidh Patsy a’ ceangal an eòlais a th' aice mar fhìdhlear leis an ionnsachadh chlasaigeach a fhuair i gus oideachadh iomlan is prataigeach a thoirt seachad, ag amas orrasan a tha gu mòr airson an cuid ciùil, stoidhle is misneachd a thoirt air adhart.

Thèid muinntir a' chùrsa an sàs anns na leanas:

  • A’ ceangal a’ bhogha le dòighean-cluiche
  • Guth-cheòl
  • Fileantachd agus stoidhlichean
  • Ruitheam, taic-ciùil agus teòiridh-taice

Thèid a h-uile rud seo ionnsachadh le bhith a' cur eòlais air roghainn de phuirt mhath Albannach, a’ cleachdadh bhùithtean-obrach, tro oideachadh aghaidh ri aghaidh, agus a’ com-pàirteachadh ann an seiseanan ciùil.

'S e tidsear ionnsramaidean-teuda is tidsear-clas a th' ann am Patsy; choisinn i ceum le àrd-urram ann an Ceòl Gnìomhach, Dioplòma For-cheum ann am Fìdhlearachd agus Teisteanas For-cheum ann am Foghlam (le sònrachadh air ionnsramaidean-teuda), aig Royal Northern College of Music.   

Bidh an cùrsa seo freagarrach dhaibhsan a th’ aig ìre eadar-mheadhanach gu ìre adhartach. Thèid an ceòl ionnsachadh tro èisteachd agus bidh ceòl-sgrìobhte ri fhaighinn aig ceann na seachdain agus mar a thèid iarraidh.