Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Ceòl na Fìdhle le Gabe McVarish

Cinn-latha: 28/03/16 - 01/04/16
Cosgais: £240 (£170 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Gabe McVarish
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Thogadh Gabe MacMharais ann an California ach tha buntainneas aige ri Alba Nuadh is Mòrar ann an Gàidhealtachd na h- Alba.  Dh’ ionnsaich e an fhidheall aig aois gu math òg is bhuannaich e dà thuras an Duais Nàiseanta anns na Stàitean airson òigridh a tha a’ cluich na fìdhle.

Nuair a thàinig e a dh’ Alba, dh’ ionnsaich e bhon fhìdhlear chliùiteach Aonghas Grannd à Lochabar agus rinn e ceum ann an ceòl traidiseanta ann an Glaschu cuideachd.  Tha Gabe air a bhith a’ cluich airson iomadach còmhlan ann an Alba ach tha e aithnichte a-nis airson a bhith fìdhlearachd anns a’ chòmhlan Ghàidhealach, Dàimh.

Mar neach teagaisg, tha Gabe air a bhith a’ teagasg air feadh Alba agus ann an Colaistean a leithid Oilthigh Luimneach ann an Èirinn.  Tha cliù aige a-nis air feadh an t-saoghail airson na fìdhle a theagasg is a chluich agus bidh daoine an còmhnaidh ga iarraidh airson chuirmean-ciùil agus dannsaichean ann an Alba is thall thairis. 

Tha e cudromach gu bheil comas cluich aig ìre mheadhanach is nas àirde agaibh airson pàirt a ghabhail sa chùrsa seo.  Cuideachd, feumaidh sibh an ionnstramaid agaibh fhèin a thoirt leibh airson pàirt a ghabhail sa chùrsa.

Airson beagan a bharrachd fios mu Gabe, bruth an seo.