Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Fìdhlearachd le Eòghann MacEunraig

Cinn-latha: 02/04/18 - 06/04/18
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Ewen Henderson
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


www.manran.co.uk

 

Eòghainn is cuid dhe na h-oileanach bho 2017

Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte cùrsa goirid a thabhann a-rithist leis an sàr neach-ciùil Eòghann MacEunraig.

Air a' chùrsa seo, bidh Eòghann a' toirt thugaibh blasad den nòs-ciùil dhùthchasach Ghàidhealach aige fhèin, gu h-àraid a' bhuaidh a th' aig òrain Ghàidhlig agus ceòl na pìoba air a chuid fìdhlearachd. Bidh cothrom ann seana phuirt agus puirt ùra ionnsachadh agus bidh sibh cuideachd a' toirt sùil mhionaideach air mar a chluichear ceòl na pìoba (ceòl beag gu h-àraidh ach ceòl mòr cuideachd) air an fhidhill. Mar bu dual dhan cheòl, thèid a’ chuid mhòr de na puirt is fiosrachadh ga toirt seachad tro bheul-aithris agus cluas-chiùil anns na clasaichean ach bidh duilleagan-ciùil rim faotainn cuideachd.  Feumar comas cluich aig ìre mheadhanach a bhi aig an neach-cluiche mus faigh iad air a' chùrsa.

Chan eil beàrnan ann ach airson 15 neach – glèidh àite an dràsta gus am faigh sibh air a’ chùrsa!

'S ann à Loch Abar a tha an neach-ciùil agus seinneadair Eòghann MacEunraig agus chaidh a bhogadh ann an ceòl agus dualchas na sgìre bho òige. Fhuair e oideachadh air an fhìdheall bho Aonghas Grannd, fear de na fìdhlearan Gàidhealach as cliùitiche a bh' ann a-riamh agus oideachadh air a' phìob mhòir bho iomadh pìobaire ainmeil, Aonghas MacColla nam measg. Bha e deagh ghreis a' cluich air feadh an t-saoghail na bhall den còmhlan ainmeil Battlefield Band ach 's ann cuide ri Mànran (an còmhlan a stèidhich e fhèin 's grunn charaidean ann an 2010) agus an Afro-Celt Sound-System a bhios e  cur seachad a' mhòr-chuid den ùine a-nis.