Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh

Cinn-latha: 16/07/18 - 20/07/18
Cosgais: £280 (£190 do dh'oileanaich)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Ann an dlùth chom-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig, bidh Urras Baile Fhlòdigearraidh a’ cur air dòigh dà chùrsa shònraichte ann an àireannachd far a bheil Gàidhlig fhathast mar phàirt chudromach dhe beatha muinntir an àite, is i ga bruidhinn leis a’ mhòr-chuid anns a’ choimhearsnachd. Tha an cùrsa seo a’ freagairt orrasan a tha fileanta sa chànan air neo a tha air co-dhiù ìre meadhanach àrd no adhartach (SMO Ìre 6 no nas àirde) a ruigsinn. Anns na clasaichean is na sgrìoban rè na seachdain, bidh cuideam mòr ga chur air na comasan labhairt aig gach oileanach a thoirt air aghaidh, agus coimheadar gu h-àraidh ri dualchainnt na sgìre, is mar as urrainn dhaibh an cuid Ghàidhlig a dhèanamh cho nàdarra is siùbhlach ’s a ghabhas.

Bidh clasaichean gan cumail ann an Loidse Chuith Fhraing ann an Stafainn – suidheachadh brèagha is comhfhurtail. Bidh Ostail Dhùn Fhlòdigearraidh na àite cruinneachaidh airson cuairtean a’ chùrsa agus bithear a’ gabhail dìnnear seo fad na seachdain. Thèid deagh thomhas dhen t-seachdain a chosg fad air falbh bho shuidheachadh an t-seòmair-teagaisg  a' rannsachadh cainnt, ceòl, cultar, àrainneachd, eachdraidh is geòlas ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.  Cuiridh na h-oileanaich na dh’ionnsaicheas iad anns an t-seòmar-theagaisg an gnìomh, mar eisimpleir, nuair a thèid iad air chèilidh air muinntir an àite airson srùbag a ghabhail, nuair a thèid iad sgrìob a dh’iomadh àite eachdraidheil, inntinneach anns an sgìre, nuair a bheir iad seachad cuideachadh le cuid de ghnìomhan croitearachd an t-samhraidh, agus nuair a bhios iad a’ còcaireachd neo a’ fuine còmhla ri mnathan Fhlòdigearraidh.

Tha na cuairtean an eisimeil na sìde  agus bheir seo buaidh air planaichean an latha.  Thathar an dùil gum bi comas coiseachd air co-dhiù dà mhìle aig gach oileanach  leis gu bheil na sgrìoban seo mar phàirt chudromach dhen chùrsa.

Chan eil beàrnan ann ach airson 10 neach - glèidhibh àite air a' chùrsa an-dràst!

Àite-fuirich:

Tha àiteachan-fuirich ri fhaighinn ann an Ostail Dhùn Fhlòdaigearraidh.  Feumaidh sibh fios a chur gu Ostail Dhùn Fhlòdaigearraidh airson àite-fuirich a ghlèidheadh air 01470 552 212.  Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air an làrach-lìn aca cuideachd: www.hostelflodigarry.co.uk

Tha na taighean a leanas a’ tabhann Leabhaidh is Bracaist san sgìre ‘s tha Gàidhlig aca uile:

Margo MacPherson, 10 Flodigarry  01470 552225
Donna MacDonald, Quiraing View, 5 Digg  01470 562388
Anne MacLeod, New House, Clachan     01470 562328
Marion Macleod, 8 Clachan   01470 562306
Joanna MacLeod, 10 Clachan  01470 562434
Donald & Morag Matheson, 11 Stenscholl  01470 562242

Seo liosta de thaighean air màl airson seachdain san sgìre:

Donna MacDonald, Quiraing View, 5 Digg 01470 562388 (s/c flat)
Peggy Scott-Moncrieff, Seascape, Flodigarry 01470 552233 (s/c chalet)
Joanna MacLeod, 10 Clachan   01470 562434 (s/c chalet)
Shulista Croft Wigwams, 3 North Duntulm  01470 552314
The Old Crofthouse, 22 Garafad IV51 9JX  (Book through Sykes Holiday Cottages)
Staffin Campsite, Grenicle, Staffin       01470 562213 www.staffincampsite.co.uk
Catherine Munro, 8 Hungladder, Kilmuir  01470 552331 (s/c chalets)                                   

                  

Biadh:

Ged a bhios biadh ann gach feasgar bho mhuinntir Fhlòdaigearraidh, b’ fhiach e smaointinn air biadh a thoirt leibh cuideachd airson biadh sa mhadainn is aig àm-lòin.  Tha cidsin aig an ostail far am faodar còcaireachd a dhèanamh agus biadh a cheannach airson bracaist agus faodaidh sibh biadh fhaighinn san sgìre.