Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh

Cinn-latha: 19/06/17 - 23/06/17
Cosgais: £300 (£200 do dh'oileanaich)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


An co-bhoinn ri Sabhal Mòr Ostaig, tha Urras Baile Fhlòdaigearraidh a’ cur dà chùrsa air dòigh ann an 2017.  Tha na cùrsaichean seo a’ còrdadh gu mòr ri daoine le còrr is 100 neach air pàirt a ghabhail gu ruige seo. ‘S e cùrsa fad 5 làithean a th’ ann le foghlam sa bhlàr a-muigh is bùithtean-obrach a-staigh.

Tha na cùrsaichean ag amas air fileantaich is cuideachd luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha aig ìre meadhanach àrd air no adhartach, (m.e. SMO ìre 6 no nas àirde) a tha airson an sgilean labhairt is litreachais a leasachadh. ‘S e cothrom fìor mhath a th’ ann airson cuid eòlais air litreachas, eachdraidh is cultar ceann-a-tuath an Eilein Sgitheanaich fhaighinn ann an teis-meadhan na coimhearsnachd brìoghmhoir Gàidhlig seo. Thathar an dùil gum bi ùidh aig luchd-ionnsachaidh a tha airson fileantas a ruigsinn nan cuid rannsachaidh no nan dreuchdan cho math ris an fheadhainn a tha airson an cuid sgilean fhèin a leasachadh.

Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom ann a dhol air cuairtean agus coinneachadh ri daoine a tha eòlach air an sgìre agus Gàidhlig nàdarra a chluinntinn bho mhuinntir an àite.  Bidh tursan ann gu taighean-tasgaidh is gu àiteachan le ceanglaichean sònraichte eachdraidheil far am faigh na h-oileanaich ionnsachadh bho shàr eòlaichean na sgìre ann an cuspairean a leithid eòlas air fosailean agus ainm-eòlas ceann-a-tuath an Eilein.  Nì an cùrsa sgrùdadh air coimhearsnachd chroitearachd Ghàidhlig na sgìre sa, a dualchas is mar a tha i san latha an-diugh agus air cuid de na rudan a tha a' toirt buaidh air a' choimhearsnachd seo.

Thèid an cùrsa a chumail ann an Ostail Dhùn Fhlòdaigearraidh far am bi bùithtean-obrach air sgrìobhadh cruthachail, bàrdachd, ceòl, sgrìobhadh sgeulachdan goirid agus sgrùdadh air dualchainnt na sgìre.  Bidh bùithtean-obrach prataigeach ann cuideachd agus thathar an dùil gum bi cèilidh is ceòl ann am Flòdaigearraidh sna feasgaran.

Tha prìs a’ chùrsa a’ gabhail a-steach dìnnear, air a dheasachadh le mnathan Fhlòdaigearraidh gach oidhche bho Dhiluain – Diardaoin.

 

Fios frithealaidh & Clàr-ama: 

Bidh an cùrsa seo a’ tòiseachaidh gu h-oifigeil le clàradh aig 10.00m Diluain ach thathar ag iarraidh air oileanaich an ostail a ruigsinn feasgar na Sàbaid mus tòisich an cùrsa.  Bidh fàilteachadh goirid neo-fhoirmeil feasgar na Sàbaid mu 19.00 le teatha is cofaidh is fiosrachadh bho mhuinntir na sgìre.  Bidh an cùrsa foirmeil a’ tighinn gu crìch mu 13.00 feasgar Dihaoine. Cha bhi ach corra àite ri fhaighinn air a' chùrsa, is mar sin tha sinn a' moladh gun glèidh sibh àite air a chùrsa an-dràsta!      

 

Àite-fuirich:

Tha àiteachan-fuirich ri fhaighinn ann an Ostail Dhùn Fhlòdaigearraidh.  Feumaidh sibh fios a chur gu Ostail Dhùn Fhlòdaigearraidh airson àite-fuirich a ghlèidheadh air 01470 552 212.  Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air an làrach-lìn aca cuideachd: www.hostelflodigarry.co.uk.

Tha na taighean a leanas a’ tabhann Leabhaidh is Bracaist san sgìre ‘s tha Gàidhlig aca uile:

Margo MacPherson, 10 Flodigarry    01470 552225
Donna MacDonald, Quiraing View, 5 Digg    01470 562388
Anne MacLeod, New House, Clachan 01470 562328
Marion Macleod, 8 Clachan     01470 562306
Joanna MacLeod, 10 Clachan         01470 562434
Donald & Morag Matheson, 11 Stenscholl   01470 562242

Seo liosta de thaighean air màl airson seachdain san sgìre:

Donna MacDonald, Quiraing View, 5 Digg    01470 562388 (s/c flat)
Peggy Scott-Moncrieff, Seascape, Flodigarry     01470 552233 (s/c chalet)
Joanna MacLeod, 10 Clachan  01470 562434 (s/c chalet)
Shulista Croft Wigwams, 3 North Duntulm 01470 552314
The Old Crofthouse, 22 Garafad IV51 9JX  
Staffin Campsite, Grenicle, Staffin 01470 562213 www.staffincampsite.co.uk

 

Biadh:

Ged a bhios biadh ann gach feasgar bho mhuinntir Fhlòdaigearraidh, b’ fhiach e smaointinn air biadh a thoirt leibh cuideachd airson biadh sa mhadainn is aig àm-lòin.  Tha cidsin aig an ostail far am faodar còcaireachd a dhèanamh agus biadh a cheannach airson bracaist agus faodaidh sibh biadh fhaighinn san sgìre.

 

Aodach: 

Thathar a' moladh gu mòr gun toir sibh bòtannan làidir is aodach blàth is freagarrach airson droch shìde gu h-àraid airson coiseachd a-muigh air cuairtean.

 

Eòlas ro làimh:

Chan fheum eòlas a bhith agad ro làimh ach feumaidh deagh thomhas de Ghàidhlig a bhith agad.  Airson barrachd fios, cuiribh fòn no post-d gu Sgioba nan Cùrsaichean Goirid air 01471 888 240 air neo post-d: cg.smo@uhi.ac.uk

 

Seo agaibh dreach de chlàr-ama is gur dòcha gun atharraich rud no dhà a-rèir àm na bliadhna

Di-dòmhnaich    1900  Fàilte san ostail bho mhuinntir na sgìre/SMO tì/cofaidh
     
Diluain    1000     Clàradh & fiosrachadh mun t-seachdain
  1015 – 1215  Cuairt air Flòdaigearraidh le muinntir an àite
  1215 – 1300 Lòn ann an dachaigh ann am Flòdaigearraidh
  1330 – 1600 Clas Gàidhlig
  1745   Dinnear san Ostail – air ullachadh le muinntir Fhlòdaigearraidh
  1900 – 2100 Ceòl air a stiùireadch le neach-ciùil NO cèilidh/ còmhradh ann an dachaigh ann am Flòdaigearraidh
     
Dimàirt   0930 – 1200 Taigh-tasgaidh Stafainn & cuairt arc-eòlais dhan chladach
  1330 – 1600   Gàidhlig agus Ceòl
  1745   Dinnear san Ostail – air ullachadh le MF
  1900       Ceòl air a stiùireadh le neach-ciùil NO cèilidh/ còmhradh ann an dachaigh ann am Flòdaigearraidh
     
Diciadain 0930 – 1200 Cuairt gu Rubha nam Bràithrean
  1330– 1600 Gàidhlig agus Ceòl le Calum Rothach & Amy Cruickshank
  1745  Dinnear san Ostail – air ullachadh le MF
  1900 –2100   Ceòl agus bannal luaidh – Ionad 1400 / Ceòl agus clann on sgìre sa bhannal luaidh & le’n ionnstramaidean ciùil
     
Diardaoin 0930 – 1200 Cuairt ann an Cille Mhoire
  1330 – 1600   Gàidhlig agus Ceòl
  1745 Dinnear san Ostail – air ullachadh le MF
  1900  Taic an teine agus Ceòl le neach-ciùil san Ostail
     
Dihaoine 0930 – 1030 Cuairt gu Loch Shianta no Taigh-tasgaidh nan Eilean
  1030 – 1050 Tì/cofaidh
  1050 – 1200 Clas Gàidhlig &  sùil air ais air an t-seachdain
    Fios air ais mun t-seachdain /Tì is sconaichean    
  Fàgail 1300