Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh

                         Cinn-là airson 2017

 

21 - 25 An Lùnastal

 

 


 

 

 

 

An co-bhoinn ri Sabhal Mòr Ostaig, tha Urras Baile Fhlòdaigearraidh a’ cur dà chùrsa air dòigh ann an 2017.  Tha na cùrsaichean seo a’ còrdadh gu mòr ri daoine le còrr is 100 neach air pàirt a ghabhail gu ruige seo. ‘S e cùrsa fad 5 làithean a th’ ann le foghlam sa bhlàr a-muigh is bùithtean-obrach a-staigh.

Tha na cùrsaichean ag amas air fileantaich is cuideachd luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha aig ìre meadhanach àrd air no adhartach, (m.e. SMO ìre 6 no nas àirde) a tha airson an sgilean labhairt is litreachais a leasachadh. ‘S e cothrom fìor mhath a th’ ann airson cuid eòlais air litreachas, eachdraidh is cultar ceann-a-tuath an Eilein Sgitheanaich fhaighinn ann an teis-meadhan na coimhearsnachd brìoghmhoir Gàidhlig seo. Thathar an dùil gum bi ùidh aig luchd-ionnsachaidh a tha airson fileantas a ruigsinn nan cuid rannsachaidh no nan dreuchdan cho math ris an fheadhainn a tha airson an cuid sgilean fhèin a leasachadh.

Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom ann a dhol air cuairtean agus coinneachadh ri daoine a tha eòlach air an sgìre agus Gàidhlig nàdarra a chluinntinn bho mhuinntir an àite.  Bidh tursan ann gu taighean-tasgaidh is gu àiteachan le ceanglaichean sònraichte eachdraidheil far am faigh na h-oileanaich ionnsachadh bho shàr eòlaichean na sgìre ann an cuspairean a leithid eòlas air fosailean agus ainm-eòlas ceann-a-tuath an Eilein.  Nì an cùrsa sgrùdadh air coimhearsnachd chroitearachd Ghàidhlig na sgìre sa, a dualchas is mar a tha i san latha an-diugh agus air cuid de na rudan a tha a' toirt buaidh air a' choimhearsnachd seo.

Thèid an cùrsa a chumail ann an Ostail Dhùn Fhlòdaigearraidh far am bi bùithtean-obrach air sgrìobhadh cruthachail, bàrdachd, ceòl, sgrìobhadh sgeulachdan goirid agus sgrùdadh air dualchainnt na sgìre.  Bidh bùithtean-obrach prataigeach ann cuideachd agus thathar an dùil gum bi cèilidh is ceòl ann am Flòdaigearraidh sna feasgaran.

Tha prìs a’ chùrsa a’ gabhail a-steach dìnnear, air a dheasachadh le mnathan Fhlòdaigearraidh gach oidhche bho Dhiluain – Diardaoin. 

Bruth air an ceann-là gu h-àrd airson barrachd fiosrachadh agus bucadh.