Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cuisle-chiùil & Feadag

Cinn-latha: 10/04/17 - 14/04/17
Cosgais: £250 (£175 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Hamish Napier

Clàraich an-dràsta!


Gu h-àrd: Hamish Napier
Èist ris a' chlàr The River  an seo!

Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte gu bheil Hamish Napier gu bhith a' teagasg air na Cùrsaichean Goirid aig àm na Càisge 2017. Tha Hamish air iomadh duais a chosnadh agus tha e fìor sgileil air iomadh inneal-ciùil.

Sa chùrsa seachdain seo, thig luchd cluich na fìdeig is na duiseil còmhla tro bhùithtean  obrach far an leasaich daoine na ceanglaichean a tha aca rin ionnstramaidean ciùil. Tron chùrsa, bidh sibh a' deasbad dhòighean air mar as fheàrr a cluichear nan goireasan agaibh. Gheibh sibh cuideachd cothrom deasbaid air, mar eisimpleir, dòighean feumail a thaobh tarraing analach airson cuideachadh leis an dòigh chluich agaibh agus na dòighean air na fuaimean air a bheil feum fhaighinn as an duiseil.

‘S ann le cluais/èisteachd a gheibhear teagasg agus ceòl sgrìobhte ga thoirt seachad aig deireadh gach latha. Tha fàilte ga cur air cluicheadairean Boehm system/Metal agus air cluicheadairean D ìosal cuideachd.

Thogadh Hamish Napier ann am Bail' Ùr nan Granndach agus chaidh e a Ghlaschu airson tuilleadh bogadh fhaighinn ann an saoghal ceòl beothail is ainmeil a’ bhaile. Rinn e ceum ann an Speur-eòlas is Fiosaig agus an uair sin ceum ann an Ceòl. Chaidh cothrom air leth a thoirt dha nuair a choisinn e sgoilearachd le Colaiste Ciùil Berklee ann am Boston.

Tha Hamish na neach-teagaisg ann an sgrìobhadh ciùil, teòiridh ciùil agus duiseal fiodha aig a' Chonservatoire Rìoghail ann an Glaschu agus sgoiltean ciùil is fèisean air feadh an t-saoghail. Tha Hamish an-dràsta a' cluich sa chòmhlan 'Nae Plans' còmhla ris an fhìdhlear Adam Sutherland, agus iad a' cluich measgachadh de cheòl neo-fhoirmeil agus spòrsail gun ullachadh ro làimh.

Rinn e clàraidhean còmhla ri iomadach neach agus buidheann ciùil a leithid Dòmhnall Seaghach, Karen NicMhathain, Martyn Bennett, Duncan Chisholm, Treacherous Orchestra, Battlefield Band agus Eddi Reader.

Chaidh a' chiad chlàr aig Hamish fhèin, “The River” a chur air bhog bho chionn ghoirid agus chan eil sin ach air cur ri a dheagh chliù mar neach-ciùil àraid.

 

★★★★★ “Scintillating…brilliantly vivid”  The Scotsman [dha a chiad chlàr ‘The River’]

“…one of Scotland’s busiest and most multi-faceted folk musicians…”  Sunday Herald

“Napier is one of the finest musicians in Scotland….his music is invigorating, passionate and steeped in tradition.” TMSA

“An excellent flute player.”  The Guardian