Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Duiseal & Feadag

Cinn-latha: 09/04/18 - 13/04/18
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Hamish Napier
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Gu h-àrd: Hamish Napier
Èist ris a' chlàr The River  an seo!

Tha sinne aig an t-Sabhal Mhòr air ar dòigh gu bheil Hamish Napier gu bhith còmhla rinn uair eile aig àm na Càisge 2018. ’S e sàr-neach-ciùil a th’ ann an Hamish, a choisinn iomadh duais agus aig a bheil fìor thàlant is liut air iomadh diofar ionnsramaid.

Tha an cùrsa fosgailte dhaibhsan a chluicheas an dà chuid, an fhìdeag agus an duiseal, is thèid am brosnachadh gus dàimh mhath a thogail eadar iad fhèin is an cuid ionnsramaidean. Bidh Hamish a’ brosnachadh chòmhraidhean air dòighean is stuthan cleachdaidh, misneachd air an àrd-ùrlar, sgeadachadh is altachadh, guth-cheòl, binneas, cleachdadh tarraing anail is a’ taghadh àitean iomchaidh airson anail a tharraing ann am puirt. Gheibh thu cuideachd cothrom air teòiridh iomchaidh, geamannan ruitheim, agus ceithir sgèilean-ciùil thraidiseanta is mar a gheibh thu fonn binn, siùbhlach às an ionnsramaid agad. Bidh na bùithtean-obrach cuideachd a’ toirt prìomhachais do cheòl traidiseanta  na h-Alba, a tha aithnichte aig seiseanan, a fhreagras air an fhìdeig is air an duiseil.

Thèid an ceòl ionnsachadh le cluais, le ceòl-sgrìobhte mar thaic agus bileagan-fiosrachaidh air an toirt seachad gach latha. Tha fàilte romhpasan a chluicheas an duiseal Bhoehm cuideachd!

Bidh Hamish a’ teagasg sgrìobhadh-ciùil, teòiridh-chiùil agus an duiseil fhiodha aig a' Chonservatoire Rìoghail ann an Glaschu, agus sgoiltean ciùil is fèisean air feadh an t-saoghail.  Tha e an-dràst’ a’ cluich san duo traidiseanta dàna air a bheil 'Nae Plans' cuide ris an fhìdhlear innleachdach, Adam Sutherland, a’ gabhail a-steach chuirmean a thig mar chloich às an adhar gun eagrachadh is gun ullachadh.

Thogadh Hamish Napier air a’ Ghàidhealtachd, ann am Baile nan Granndach, is an uair sin rinn  e air Glaschu fad sia bliadhna deug gus bogadh fhaighinn ann an saoghal ciùil a’ bhaile agus ceum a thoirt a-mach ann an ceòl aig Oilthigh Srath Chluaidh. Fhuair e cuideachd sgoilearachd fad bliadhna airson ionnsachadh aig Colaiste Ciùil Berklee ann am Boston, sna Stàitean Aonaichte.

Tha Hamish air nochdadh air còrr is dà-fhichead clàr folk à Alba cuide ri luchd-ciùil cliùiteach, leithid: Donnchadh Siosalach, Màiri NicAonghais, Karen NicMhathain, Dòmhnall Seathach, Treacherous Orchestra, Eddi Reader agus Martyn Bennett. Aig na Scots Trad Music Awards, chaidh ainm a chur air aghaidh airson Music Tutor of the Year agus Composer of the Year agus còig trupan airson  Album of the Year, is bhuannaich e Best Folk Band le Back of the Moon.  Tha e a-nis air tilleadh dhachaigh dhan Ghàidhealtachd airson ceòl a sgrìobhadh is a theagasg.

Chaidh a' chiad chlàr aig Hamish fhèin, “The River” a chur air bhog bho chionn ghoirid agus chan eil sin ach air cur ri a dheagh chliù mar neach-ciùil àraid.

 

★★★★★ “Scintillating…brilliantly vivid”  The Scotsman [dha a chiad chlàr ‘The River’]

“…one of Scotland’s busiest and most multi-faceted folk musicians…”  Sunday Herald

“Napier is one of the finest musicians in Scotland….his music is invigorating, passionate and steeped in tradition.” TMSA

“An excellent flute player.”  The Guardian