Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsa Tòiseachaidh Gàidhlig na h-Èireann

Cinn-latha: 29/07/19 - 02/08/19
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Rody Gorman
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


 
 

Air a' chùrsa seo, bidh cuid de mhuinntir na Gàidhlig a' tòiseachadh air eòlas a chur air Gàidhlig na h-Èireann/Gaeilge. Bithear a' cumail chòmhraidhean agus a' cur feum air cleachdaidhean s' tòiseachadh aig an ìre as cumanta 's as sìmplidhe san dà chànan mar a tha a' nochdadh, mar eisimpleir, anns a' chruinneachadh An Sruth www2.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/sruth/ le sùil cuideachd air òrain, sean-fhaclan, bàrdachd agus an leithid gus beairteas a' chànain a leigeil am follais.

Tha an neach-teagaisg Rody Gorman air a bhith ag obair san dà Ghàidhlig o chionn fhada, mar bhàrd agus mar dheasaiche (gu sònraichte air an iris Ghàidhlig-Ghaeilge An Guth) agus thèid brosnachadh a thoirt dha na h-oileanaich rudan a sgrìobhadh sa Ghaeilge iad fhèin ro dheireadh na seachdaine, ma thogras iad. 'S cinnteach gum bi fealla-dhà no dhà no thrì ann cuideachd!