Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Òrain Gàidhlig agus Albais le Katherine NicLeòid

Cinn-latha: 01/06/19 - 02/06/19
Cosgais: £100 (£80 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Katherine Macleod
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


 

 

 

 

 

 

Bidh Katherine NicLeòid còmhla rinn a' teagasg cùrsa sònraichte, Òrain Thraidiseanta Gàidhlig agus Albais. Bidh thu a’ coimhead air òrain às iomadh ceàrnaidh de dh'Alba tron deireadh-sheachdain. Bidh na h-òrain a’ toirt sùil air diofar thaobhan den fhearann agus den dualchas. Ged a tha an dùthaich againn beag, tha measgachadh mòr ri fhaicinn nar cànan, nar ceòl agus nar cultar. Air a’ chùrsa seo, bidh thu ag obair air co-sheirm agus seatadh nan òran. Chan fheum eòlas sam bith a bhith agad airson a’ chùrsa seo - thoir leat do ghuth agus gheibh thu lethbhreac dhen stuth teagaisg. Faodaidh tu, nam biodh e feumail, na h-òrain a chlàradh air fòn-làimh air no air inneal-clàraidh.

’S ann a Cille Bhrìghde an Ear a tha Katherine NicLeòid, is i aithnichte mar shàr cheòladair agus neach-oide, air an duiseil, an fhìdeig agus a' seinn. Tha i air a bhith an sàs ann an ceòl bho aois glè òg. Thòisich i le bhith a’ seinn ann an Còisir Chille Bhrìghde an Ear nuair nach robh i ach naoi bliadhna a dh’aois. Cheumnaich i bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba ann an 2010 le BA ann Ceòl Traidiseanta agus tha i air a bhith a’ cluich fad is farsaing bhon uair sin. Tha i dealasach mu theagasg agus mu bhith a’ sgaoileadh a cuid òran agus tha i a’ dèanamh fiughair ri bhith tighinn gu Sabhal Mòr Ostaig am-bliadhna.