Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Dràma Gàidhlig: Teagasg

Cinn-latha: 04/08/14 - 08/08/14
Cosgais: £490 all inclusive / £250 course only
Neach-teagaisg: Artair Donald & tutors from The Royal Conservatoire of Scotland

Clàraich an-dràsta!


An Cùrsa

Anns an sgoil-shamhraidh seo, bidh oileanach a' gabhail pàirt ann an sreath bhùithtean-obrach is dheasbadan cuide ri luchd-teagaisg bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba agus Artair Dòmhnall, Neach-dràma air Mhuinntireas, Sabhal Mòr Ostaig.

Thèid obair le daoine fa leth agus buidhnean a a chur gu feum  airson cleachdadh na Gàidhlig an lùib teagasg sgilean dràma a sgrùdadh. Bithear ag iarraidh ort obrachadh gu cruthachail a rèir diofar dhòighean-teagaisg agus theacsaichean Gàidhlig ùr cho math ri dòighean cleasachd prataigeach.

Tha an cùrsa cuideachd airson staid na Gàidhlig ann an dràma na h-Alba a dheasbad agus na dòighean as urrainnear a leasachadh san àm ri teachd a rannsachadh.

Ged a tha an cùrsa ga theagasg tro mheadhan an dà chànain, bhiodh e na bu fhreagarraiche do thidsearan is luchd-dràma aig a bheil eòlas air a' chànan mar-thà agus bithear ag ionnsachadh is a' rannsachadh ann an àrainneachd a bhios an dà chuid taiceil agus dùbhlanach.
 

Amasan a' chùrsa:                                                 

Chaidh an cùrsa còig làithean seo a dhealbhadh airson duine sam bith a tha airson na sgilean teagaisg aca a leasachadh. Bhiodh e feumail do chuideigin a tha a' lorg slighe a dh'ionnsaigh barrachd trèanaidh no dreuchd sa ghnìomhachas.

 

Gheibh oileanaich na sgoil-samhraidh na leanas anns a' chùrsa:

barrachd eòlais air teacsaichean ùra anns a' Ghàidhlig

sgrùdadh dhòighean-obrach airson sgilean dràma a theagasg

cothrom air obair chruthachail a dhèanamh anns a' Ghàidhlig

cothrom deasbaid mun Ghàidhlig ann an dràma na h-Alba

cothrom air dràma a sgrùdadh mar dhòigh-teagaisg an lùib Curaicealam airson Sàr Mhathais

 

Àite:

Sabhal Mòr Ostaig,

Slèite,

An t-Eilean Sgitheanach

IV44 8RQ

 

Bu chòir gun ruigeadh oileanaich a' Cholaiste feasgar na Sàbaid is iad deiseil airson toiseach a' chùrsa madainn Diluain. Tha cuid-oidhche 5 oidhcheannan agus lòn is dìnnear aig a' Cholaiste an lùib na prìs iomlain sònraichte.

 

Stiùiriche a' Chùrsa:

Artair Dòmhnall

Thogadh Artair ann an eilean àlainn Thiriodh is tha e air a bhith an sàs ann an dràma proifeiseanta air rèidio, àrd-ùrlar, telebhisean is film fad 20 bliadhna. Choisinn e cliù mar chleasaiche anns an dràma Ghàidhlig Machair fad 8 bliadhna is bha e ann an Rab C. Nesbitt (BBC Scotland) agus Eilbheas (BBC Alba). A bharrachd air telebhisean, tha e air a bhith an sàs ann an dràma air an àrd-ùrlar fad iomadh bliadhna, gu h-àraid leasachadh dràma Gàidhlig agus o chionn ghoirid còmhla ri Cartoon Theatre, a shiubhail air feadh na dùthcha le dealbh-chluiche ùr anns a' Ghàidhlig.

Tha Artair na Stiùiriche Ealain air Sgoil-shamhraidh Dràma Gàidhlig aig Fèisean nan Gàidheal agus tha e os cionn buidheann dràma Gàidhlig do dh'òigridh ann an Glaschu. 

 

Barrachd fiosrachaidh

'S ma dh'fhaoidte gum bi taic airgid tro bhursaraidh ri fhaighinn an lùib a' chùrsa seo, barrachd fiosrachaidh ri thighinn.