Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Gàidhlig airson luchd-labhairt na Gaeilge (Luchd-tòiseachaidh)

Cinn-latha: 17/07/17 - 21/07/17
Cosgais: £250 (£175 do dh'oileanaich)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


**Tha an cùrsa seo loma-làn a-nis.  Faghnichibh mun liosta-feitheimh againn.**

 

‘S ann air a’ chànan labhairteach agus an diofar eadar Gàidhlig is Gaeilge a bhios cuid mhath den obair stèidhichte aig toiseach na seachdain, air ceistean a leithid, dè an t-ainm a th’ ort?, càit an do rugadh tu?, càit a bheil thu a’ fuireach? - le dearbhadh sgrìobhte. Thèid cuideam a chur air fuaimneachadh cuideachd.

Bidh seo bonntaichte air structaran cànain is gràmar ceart aig an toiseach agus feumalachdan an luchd-ionnsachaidh, ‘s e sin ainmearan, buadhairean, gnìomhairean, co-ghnìomhairean, faclan ceist agus eisimpleirean practaigeach, labhairteach is sgrìobhte, is ciamar a thèid an cleachdadh. Thèid an t-ionnsachadh a thoirt air adhart aig ìre a bhios freagarrach do na h-oileanaich fhad ‘s a nì iad adhartas tron t-seachdain.

Thèid bàrdachd is rosg a thoirt a-steach nuair a bhios sin iomchaidh airson briathrachas a neartachadh is a leasachadh. Tha gnàthasan-cainnte, seanfhaclan is samhlaidhean feumail san t-seagh seo.

Bidh cothroman anns a’ chlas a h-uile latha airson bruidhinn ri chèile is Gàidhlig a chur an diofar shuidheachaidhean, agus an cànan a thèid ionnsachadh a rèir structaran sa chlas a chleachdadh.

Tha an cùrsa seo a' faighinn taic bho COLMCILLE.  Tha Colmcille na chompàirteachas eadar Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig, a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig agus Gaeilge ann an Èirinn agus ann an Alba agus eadar an dà dhùthaich.  Airson tuilleadh fiosrachaidh air taic-airgid leis na cùrsaichean seo, faodaidh sibh bruidhinn ri Maolcholuim Scott, Oifigear Leasachaidh Cholmcille: http://www.colmcille.net/ga/contact/index.php