Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Gàidhlig airson luchd-labhairt na Gaeilge (Luchd-adhartaich)

Cinn-latha: 31/07/17 - 04/08/17
Cosgais: £250 (£175 do dh'oileanaich)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Ath-sgrùdadh air na chaidh ionnsachadh mar-thà, mar sin, ‘s e an cànan labhairteach air am bithear ag obair aig toiseach na seachdain - le dearbhadh sgrìobhte. Thèid cuideam a chur air fuaimneachadh fad an t-siubhail cuideachd.

Thèid an ìre sa air adhart gu luath airson cuideam a chur air a’ chànan labhairteach ann an suidheachaidhean foirmeil is neo-fhoirmeil, anns am bi leughadh, sgrìobhadh, dràma, bàrdachd, gnàthasan-cainnt, seanfhaclan, samhlaidhean, ainmean-àite is òrain an lùib deagh thaghadh de ghoireasan.

Tha an cùrsa seo a' faighinn taic bho COLMCILLE.  Tha Colmcille na chompàirteachas eadar Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig, a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig agus Gaeilge ann an Èirinn agus ann an Alba agus eadar an dà dhùthaich. Airson barrachd fiosrachaidh air taic-airgid leis na cùrsaichean seo, faodaidh sibh bruidhinn ri Colmcille: http://www.colmcille.net/ga/contact/index.php