Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Gàidhlig Ìre 6

Cinn-latha: 17/04/17 - 21/04/17
Cosgais: £250 (£175 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Michael Klevenhaus (subject to change)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-eadar-mheadhanach aig ìre nas àirde aig a bheil tuigse air a’ chànan is comas air còmhradh a chumail ann an doimhneachd le bhith a’ cleachdadh structaran mionaideach. San ìre seo, cuirear eòlas air structaran san tràth chaithte le gnìomhairean riaghailteach is neo-riaghailteach ann an suidheachaidhean cudromach, structaran a tha a’ sealltainn sealbh, structaran a’ cleachdadh àireamhan mionaideach agus an tuiseil ghinidich le ainmearan-iolra.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas a bharrachd air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom air dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo


Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 3 (11-12)
SCQF 6 SQA Gàidhlig àrd-ìre (luchd-ionnsachaidh)