Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Gàidhlig ìre 3

Cinn-latha: 02/04/18 - 06/04/18
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig a bheil tuigse air a’ chànan aig ìre eadar-mheadhanach ìosal is comas air còmhradh bunaiteach a chumail le bhith a’ cleachdadh structaran sìmplidh cuideachd.  San ìre seo, gheibhear eòlas air an tràth theachdail den ghnìomhair ‘bi’, structaran ùra a leithid gnàthasach, àithneach, tuairisgeulach agus ceangalach. Bidh cothrom ann leudachadh air an eòlas a th’ agaibh air na tràthan is ro-riochdairean. Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.


Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 2 (7-8)
SCQF 4-5 SQA Ìre Choitcheann: Àbhaisteach-Creideis