Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Gàidhlig Ìre 3

Cinn-latha: 14/08/17 - 18/08/17
Cosgais: £250 (£175 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Muriel Fisher (subject to change)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig a bheil tuigse dhen chànan aig ìre eadar-mheadhanach ìosal is comas còmhradh bunaiteach a chumail le bhith a’ cleachdadh structairean sìmplidh cuideachd.  San ìre seo, gheibhear eòlas air an tràth teachdail dhen gnìomhair ‘bith’, structairean ùra a leithid gnàthasach, àithneach, tuairisgeulach, agus ceangalach.  Bidh cothrom ann leudachadh air an eòlas a th’ agaibh air na tràthan is ro-riochdairean. Mar phàirt dhen chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.


Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 2 (7-8)
SCQF 4-5 SQA Ìre Choitcheann: Àbhaisteach-Creideis