Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Gàidhlig Ìre 7

Cinn-latha: 31/07/17 - 04/08/17
Cosgais: £250 (£175 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Cailean Methven (Subject to change)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


‘S ann do dh’ adhartaich sa chànan aig a bheil deagh eòlas air a’ Ghàidhlig le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh a tha an cùrsa seo.

Tha an ìre seo ag amas air:

  • Eòlas a chur air an tràth teachdail de ghnìomhairean neo-riaghailteach;
  • Eòlas a chur air structair leis a’ chruth neo-fhinideach cuide ri cuspairean dìreach;
  • Eòlas a chur air a roimhear ‘ann’ le buadhairean sealbhach gus structairean ‘nam/nad’ a chruthachadh.
  • Leasachadh eòlas air briathrachas ùr  a chuireas ris na structairean air a bheil eòlas aig an oileanach mar tha

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.
 

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Adhartais (Modal 1) A’ chiad bliadhna de Chùrsaichean Ceuma SMO
SCQF 7 SAQ: Gàidhlig àrd-ìre (fileantaich) & Gàidhlig sàr àrd-ìre (luchd-ionnsachaidh)