Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Gàidhlig Ìre 8

Cinn-latha: 07/08/17 - 11/08/17
Cosgais: £250 (£175 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Cailean Methven (Subject to change)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


'S ann do luchd-ardhartach aig a bheil deagh eòlas air a’ Ghàidhlig, le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh, a tha an cùrsa seo.

Tha ìre 8 ag amas air:

  • leasachadh comas nan oileanach gus an tràth teachdail de ghnìomhairean neo-riaghailteach a chleachdadh;
  • leasachadh comas nan oileanach gus riochdairean pearsanta ann an cruth neo-fhinideach a chleachdadh;
  • leasachadh comas nan oileanach gus structairean ‘nam/nad’ a chleachdadh ann an suidheachaidhean co-cheangailte ri dreuchdan;
  • briathrachas ùr a chleachdadh a chuireas ris na structairean air a bheil eòlas aig an oileanach mar-thà.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.

Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh mun ìre an seo.
 

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Adhartais (Modal 2) A’ chiad bhliadhna de Chùrsaichean Ceuma SMO
SCQF 7