Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Gàidhlig Ìre 10

Cinn-latha: 08/04/13 - 12/04/13
Cosgais: £180 (£110 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Beathag Mhoireasdan
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


‘S e cùrsa gu tur ùr airson 2013 a tha seo, do dhaoine adhartach sa Ghàidhlig a tha air crìoch a chur air ìrean 1-9 de Chùrsaichean Goirid an t-Sabhail air no Cùrsa Gàidhlig ann am Flòdaigearraidh. Tha an cùrsa seo cuideachd freagarrach do dh’fhileantaich a tha airson na sgilean cànain aca a leasachadh. Cleachdaidh an neach-oide stuthan ionnsachaidh an t-Sabhail agus na stuthan aca fhèin, a’ gabhail a-steach Òrain Ghàidhlig, Bàrdachd is Litreachas, briathrachas adhartach, gràmar is còmhradh.  Thèid oileanaich a phiobrachadh gus sgilean cruthachail a leasachadh tron Ghàidhlig.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
SCQF 8/9
Cùrsa Gàidhlig ann am Flòdaigearraidh.