Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Gàidhlig Ìre 8

Cinn-latha: 06/08/18 - 10/08/18
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


‘S ann do luchd-adhartach sa chànain aig a bheil deagh eòlas air a’ Ghàidhlig le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh a tha an cùrsa seo.

Tha an ìre seo ag amas air:

  • leasachadh comas nan oileanach gus an tràth teachdail de ghnìomhairean neo-riaghailteach a’ chleachdadh;
  • leasachadh comas nan oileanach gus riochdairean pearsanta ann an cruth neo-fhinideach a’ chleachdadh;
  • leasachadh comas nan oileanach gus structairean ‘nam/nad’ a’ chleachdadh ann an suidheachaidhean co-cheangailte ri dreuchdan;
  • briathrachas ùr a’ chleachdadh a chuireas ris na structairean air a bheil eòlas aig an oileanach mar tha.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Adhartais (Modal 2) A’ chiad bhliadhna de Chùrsaichean Ceuma SMO
SCQF 7