Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Gàidhlig Ìre 8

Cinn-latha: 08/04/13 - 12/04/13
Cosgais: £180 (£110 do dh'oileanaich)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


‘S ann do dh’adhartaich sa chànan aig a bheil deagh eòlas air a’ Ghàidhlig le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh a tha an cùrsa seo.

Tha an ìre seo ag amas air:

  • Leasachadh comas nan oileanach gus an tràth teachdail de ghnìomhairean neo-riaghailteach a chleachdadh;
  • Leasachadh comas nan oileanach gus riochdairean pearsanta ann an cruth neo-fhinideach a chleachdadh;
  • Leasachadh comas nan oileanach gus structaran ‘nam/nad’ a chleachdadh ann an suidheachaidhean co-cheangailte ri dreuchdan;
  • Briathrachas ùr a chleachdadh a chuireas ris na structaran air a bheil eòlas aig an oileanach mar-thà.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, gheibhear cothroman air sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Adhartais (Modal 2) A’ chiad bhliadhna de Chùrsaichean Ceuma SMO
SCQF 7