Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Gàidhlig san Eilean còmhla ri Muriel Fisher

Cinn-latha: 26/06/17 - 30/06/17
Cosgais: £300 (£200 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Muriel Fisher
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


Tha Gàidhlig san Eilean na cùrsa a tha stèidhichte air Eòlas mun Eilean airson luchd-tòiseachaidh. 'S ann gu bheil an cùrsa seo aig amas air luchd-ionnsachaidh aig ìre eadar-mheadhanach, aig a bheil ùidh ann a bhith a' còmhradh sa Ghàidhlig agus a' gabhail chuairtean  san Eilean is àitean faisg air làimh.     

Tron t-seachdain, gheibhear eòlas air muir, tìr, Gàidhlig (agus biadh!) ‘s ma dh’fhaodte gum bi na cuairtean a ghabhas a-steach:

  • Cannaigh – ann an eilean làn eachdraidh is fiadh-bheatha, faic Canna house, a bha na thaigh-còmhnaidh aig cruinnichean beul-aithis John Lorne Campbell agus a bhean Margaret Faye Shaw, agus gabh greim-bìdh is strùpag aig Café Canna
  • Strathaird agus Ealaghol – faic seallaidhean brèagha dhen Chuiltheann, tadhal air an 'swordsmith' agus air cladh Chill Chriosd, agus ith cèic sgoinneil ann an Ealaghol àlainn
  • A' Phloc – am measg craomhan-pailme, garraidhean is taighean-bìdh ri taobh na mara, gabh cuairt bheag ann am bàta gus ròin ionadail fhaicinn
  • Ratharsair – Tùrsa bìdh a-null dhan eilean is chìthear an t-Eilean Sgitheanach bho taobh na mara.

Tha na cuairtean an eisimeil na sìde  agus bheiridh seo buaidh air planaichean an latha.  Thathar an dùil gum bi comas coiseachd air co-dhiù dà mhìle aig gach neach is comasach iad fhèin an giùlan fhèin air is dheth bàtaichean leis gu bheil na sgrìoban seo mar phàirt chudromach dhen chùrsa.

Chan eil biadh no deoch an lùib prìs a' chùrsa, ach tha bracaist an lùib prìs àite-fuirich na colaiste. Airson barrachd fiosrachaidh mun àite-fuirich againn, thoiribh sùil an seo.

Bidh an cùrsa fo stiùir Muriel Fisher, aig a bheil Gàidhlig bhon ghlùin. Chaidh Muriel a thogail san Eilean agus a bharrachd air a bhith a' teagasg ann an Sabhal Mòr Ostaig tha i air a bhith a' teagasg Gàidhlig ann an Ionad Gàidhlig Tucson, Oilthigh Arizona, agus air feadh an t-saoghail, fad còrr is 20 bliadhna.  Mar chomharra air a h-obair is na comasan aice, chaidh urram cliùiteach, an duais "Excellence in Community Linguistics" a chur air Muriel le The Linguistic Society of America airson a cuid obrach a thaobh na Gàidhlig.