Sgilean Còmhlain le Ailean MacEanraig
Cinn-latha: 08/04/13 - 12/04/13
Cosgais: £180 (£110 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Allan Henderson
Clàraich an-dràsta!
Cùrsa ùr leis an neach-ciùil ainmeil, Ailean MacEanraig. Tha cliù aig Ailean ann an saoghal ciùil traidiseanta na h-Alba agus tha e air a bhith na bhall de dh’ iomadh chòmhlain, Cliar, na Muideartaich is Blazin’ Fiddles nam measg. Dh’ ionnsaich Ailean an fhidheall fo stiùir Abrach aig a bheil cliù mar sar chluicheadair is neach-teagaisg, Aonghas Grannda. Ach, tha Ailean ceart cho math a’ cluich na pìoba, a’ phiàna air neo an fhìdeag.
Cheumnaich Ailean air a’ chiad chùrsa den chùrsa cheòl traidiseanta a bh’ aig an RSAMD (RCS a-nis) ann an Glaschu agus tha e air a bhith gu math soirbheachail mar chluicheadair, sgrìobhadair is riochdaire bhon uair sin. Cuideachd, bha e na cheòladair air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig agus bidh e fhathast a’ teagasg aig a’ Cholaiste an diugh. Tha Ailean na stiùiriche den stiùideo-ciùil aig a’ Cholaiste cuideachd, Stiùideo Ostaig.
Air a’ chùrsa seo, gheibh thu an cothrom 5 latha sònraichte a chur seachad còmhla ri Ailean a’ coimhead air sgilean a bhiodh nan cuideachadh dhut a’ cluich ann an taigh-seinnse, air an àrd-ùrlar air neo a’ cur ionnsramaidean diofraichte ri chèile airson ceòl a chluich còmhla.
Thoir an aire gur ann airson oileanaich aig ìre eadar-mheadhanach no nas àirde a tha an cùrsa seo. Cuideachd, bu chòir ionnsramaid a bhith agaibh airson pàirt a ghabhail anns a’ chùrsa.
Barrachd fiosrachaidh air Ailean agus Blazin’ Fiddles ri fhaighinn an seo.