Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Giotàr le Ross Martin

Cinn-latha: 08/04/19 - 12/04/19
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Ross Martin
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


 
 

Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte cùrsa ùr giotàr a thabhainn am bliadhna leis an sàr neach ciùil Ross Martin!

Anns a’ chùrsa seo, bidh Ross gar brosnachadh gus coimhead air seirm, co-sheirm agus ceòl-taice air aon de na h-ionnsramaidean as sùbailte a th’ ann an saoghal a' chiùil thraidiseanta.Bidh dòighean-cluich agus teòiridh gan ionnsachadh còmhla ri chèile anns a’ chùrsa seo airson sùil a thoirt air leudachadh nan còrdan a thèid taghadh ann am puirt is òrain, a’ taghadh sheirmean airson piocadh rèidh agus a' leudachadh phort sìmplidh  mar phìosan ciùil nas fhaide. Bu chòir gum bi oileanaich a’ chùrsa seo cofhurtail agus misneachail às bith dè an gleusadh a thathar a’ cluich. Bidh an cùrsa seo ga theagasg tro èisteachd agus bidh tab is clàraidhean chòrdan ann airson cuid a phìosan, mar a bhios iomchaidh.

Chan eil beàrnan ann ach airson 12 neach – glèidhibh àite air a' chùrsa an-dràsta!

Ross Martin:

Tha Ross air aon den luchd-ciùil a stèidhich an còmhlan cliùiteach, Daimh. Shiubhail e agus chlàraich e anns gach ceàrnaidh den t-saoghail còmhla ri seinneadairean eadar-nàiseanta, a leithid Julie Fowlis às Alba, Muireann Nic Amhlaoibh is Karen Casey às Èirinn, Yann Fanch Kemener à Ceap Breatainn agus an t-seinneadair Ameireaganaich, Bonnie Prince Billy. Tha fèill mhòr air Ross ann an Alba is Èirinn daonnan airson a chuid ciùil-taice a chumail ri sàr chluicheadairean a leithid Niall is Cillian Vallely, Finlay Dòmhnallach, Donal O’Connor agus John McSherry. Tha Ross aithnichte mar neach ciùil barraichte a bhios a' cluich ann an stoidhle DADGAD, ach tha e a cheart cho sgileil ann an gleusadh àbhaisteach.