Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Giotàr le Ross Martin

Cinn-latha: 01/04/13 - 05/04/13
Cosgais: £180 (£100 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Ross Martin
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


’S e seo cùrsa ùr leis an neach-ciùil ainmeil, Ross Martin. Anns a’ chùrsa, gheibh sibh cothrom air coimhead air a h-uile dòigh san urrainn dhuibh giotàr a chleachdadh airson a chur ri ceòl traidiseanta, a’ gabhail a-steach ruitheam, seirm, com-pàirteachadh is eagrachadh. Thèid iomadach stoidhle a chur an gnìomh: fuinn seisean luath gu com-pàirteachadh socair ann an gleusadh cumanta no DADGAD.

’S ann a Àrasaig a tha Ross Martin agus tha e air a bhith a’ cluich is a’ teagasg giotàr fad a bheatha inbhich. Tha e na bhall den chòmhlan Dàimh agus bidh e a’ cluich còmhla ri sàr luchd-ciùil às Alba, às Èireann agus às a’ Bhreatainn Bhig a leithid Julie Fowlis, Karen Casey, Buille agus an neach-ciùil “Fest-Noz”, Yann-Fanch Kemener.

Thoir an aire gur ann airson oileanaich aig ìre eadar-mheadhanach no nas àirde a tha an cùrsa seo. Cuideachd, bu chòir ionnsramaid a bhith agaibh airson pàirt a ghabhail anns a’ chùrsa.

Barrachd fiosrachaidh air Ross agus Dàimh ri fhaighinn an seo.