Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Blasad Ainmean Àite na Gàidhlig (11.00 - 13.00)

Cinn-latha: 21/02/14 - 21/02/14
Cosgais: £10
Neach-teagaisg: Cailean MacLean
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Mar phàirt den Fhèis seo sa Ghearasdan, bidh Sabhal Mòr Ostaig a' cur air dòigh dà chlas ainmean àite Gàidhlig tron latha Dihaoine.  Bidh Cailean MacGilleathain a' stiùireadh nan clasaichean seo a bhios fosgailte do dhuine sam bith.  Thogadh Cailean ann an Uibhist, ach tha ceanglaichean làidir aige ri Eilean Ratharsair agus tha e air a bhith stèidhicheadh air an Eilean Sgitheanaich airson iomadach bhliadhna a-nis.  Tha clìù aige mar craoladair agus dealbhadair ach tha eòlas farsaing aige air cruinn-eòlas, eachdraidh is cùltar na Gàidhealtachd cuideachd.

Se cothrom fìor mhath a th' ann an seo a bhith a' tachairt is ag èisteachd ri cuideigin aig a bheil tuigse sònraichte air gleanntann is beanntan na h-Alba.  Bidh na clasaichean seo a' ruith ann an Seòmar 5, Colaiste na Gàidhealtachd an Iar OGE, An Gearastan.  Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh an seo.