"Murt aig a' Bhanais!"
Cinn-latha: 05/04/13 - 06/04/13
Cosgais: £45 (without accommodation) OR £95 all inclusive (£N/A do dh'oileanaich)
Clàraich an-dràsta!
"‘S toil leis a h-uile duine deagh bhanais…ma thuigeas tu mo bhrìgh?!"
![]() |
Mar phàirt den bhliadhna far a bheil Sabhal Mòr Ostaig a’ comharrachadh 40 bliadhna bhon a chaidh a stèidheachadh, tha sinn gu bhith cur air dòigh deireadh-seachdain sònraichte de dhìomhaireachd is murt! Fhad ’s a tha sinn ag ullachadh airson ‘banais na bliadhna’, bidh agaibhse, na h-aoighean, ri sùil gheur a chumail air cùisean agus ur pàirt fhèin a ghabhail annta, thig nithean am follais a bha còir a bhith dìomhair, agus thig an gnothach gu ceann nur fianais fhèin. An tèid gach nì mar bu chòir do bhean na bainnse, agus an e sonas is sìth a tha an dàn dhi fhèin is don duine aice nam pòsadh?
Thigibh thugainn airson dà latha làn dibhearsain sa Ghàidhlig, far am bi pòsadh, dràma, seinn, fealla-dhà agus gaireasachadh gu leòr ann! Bidh sgioba beag de chleasaichean ùra ann a bharrachd air duine no dithis a tha nas aithnichte, ach ’s ann an urra ribhse, na h-aoighean aig a’ bhanais, a bhios e obrachadh a-mach cò rinn am murt?
![]() |
Clàr-ama:
Tòisichidh cùisean oidhche Haoine agus thig iad gu crìch oidhche Shathairne. Bu chòir dhuibh a bhith aig a’ cholaiste aig a’ char as anmoiche aig 6.30f Dihaoine, mas urrainn dhuibh idir. Mura h-urrainn dhuibh a bhith ann aig an uair ud, agus ma tha sibh fhathast airson pàirt a ghabhail san deireadh-sheachdain, cuiribh fios thugainn.
Tòisichidh sinn oidhche Haoine aig 6.30f le fàilte agus clàradh, agus gheibh sibh fiosrachadh mu mar a tha an deireadh-seachdain a’ dol a dh’obrachadh, agus cothrom coinneachadh ri daoine mus gabh sinn dìnnear. Bidh dìnnear ann aig 7f agus an uair sin bidh ‘oidhche nan damh is nan cearc’ againn!
Gheibh sibh bracaist/diathad eadar 10m is meadhan-latha Disathairne, agus an uair sin tòisichidh an dàrna pàirt dhen deireadh-sheachdain leis a’ phòsadh fhèin aig 2f. Aon uair ’s gum bi an t-seirbheis deiseil, thèid an cèic a ghearradh agus gheibh sibh glainne fìon an uair sin is cothrom bruidhinn ri càch mu na tha sibh air fhaicinn. Bidh buffet na bainnse aig 6f agus an uair sin cèilidh, crìoch is co-dhùnadh!
Thig an deireadh-seachdain gu ceann nuair a thig crìoch air a’ Chèilidh!
Cosgais:
Nuair a ghlèidheas sibh àite airson an deireadh-sheachdain, tha sin leis an tuigse gum bi sibh ann airson an dà oidhche agus feasgar Disathairne. Gu mì-fhortanach, chan fhaod sibh dìreach aon latha a dhèanamh.
Cosgaidh an deireadh-seachdain £45 agus tha sin a’ pàigheadh airson ur cuid bìdh thairis air an dà latha, fìon aig a’ bhanais, agus gu dearbh cosgais an deireadh-sheachdain. (Tha a’ phrìs seo airson daoine nach fheum àite-fuirich.) Airson daoine a tha coimhead airson àite-fuirich, tha prìs shònraichte againn, £95, a phàigheas airson nan nithean gu h-àrd agus dà oidhche aig a’ cholaiste le bracaist ann an seòmar le goireasan.
Fileantas sa Ghàidhlig:
Ged a bhios tòrr dhen tachartas ga chumail sa Ghàidhlig, bidh cothroman ann cuideachd do luchd-ionnsachaidh is luchd-tòiseachaidh pàirt a ghabhail ann an cùisean is tuigse fhaighinn air na tha dol air adhart. Ge-tà, bhiodh e na b’ fheàrr nam biodh tuigse meadhanach math agaibh air Gàidhlig, thoradh mar as motha de Ghàidhlig a th’ agaibh ’s ann as motha a chòrdas an deireadh-seachdain ribh, agus an spòrs a bhios na lùib. Seo agaibh cothrom ur cuid Gàidhlig a chur gu feum agus a chur air ghleus an teis-meadhan dràma! Agus gu dearbh, tha sinn an dùil is an dòchas gun tig fileantaich.
![]() |
A’ dol an sàs ann:
Tha sinn a’ tuigsinn nach bi eòlas aig a h-uile duine air dràma no cleasachd, agus chan eil sinn a’ sùileachadh gum bi na h-aoighean a’ gabhail pàirt san dràma, ach gum bi sibh mar luchd-amhairc a’ cumail sùil air an dràma agus na tha tachairt. Ge-tà, ’s dòcha gum bruidhinn sinn ri daoine ro làimh a tha deònach pàirt beag a ghabhail corra uair ann an cùisean mar chleasaiche. Bhiodh e glè mhath nan cuireadh daoine aodach freagarrach orra airson na bainnse, a bhios ann feasgar Dhisathairne, oir bidh barrachd spòrs againn uile an uair sin, ach chan fheum sibh seo a dhèanamh. ’S e as cudromaiche, gum bi sibh cofhurtail is toilichte. Chan fheum eòlas sam bith a bhith agaibh air dràma no cleasachd.
‘S ann do dhaoine nas sinne na 18 a tha an tachartas seo!
Ma tha ceistean sam bith agad, cuir fios dhan Sgioba air +44 (0)1471 888 240 no air post-d cg.smo@uhi.ac.uk

.jpg)
.jpg)