Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Cùrsa Cello le Natalie Haas

Cinn-latha: 20/07/13 - 26/07/13
Cosgais: £210 (£160 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Natalie Haas and additional tutors will be named in due course.
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Bidh 2013 an 27mh bliadhna sam bi am fìdhlear ainmeil Albannach, Alasdair Friseal, air ais san Eilean Sgitheanach a’ teagasg aig a’ champa fìdhlearachd sònraichte aige.  Se seo an aon champa dhe leithid aige san Roinn Eòrpa is tha e stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan ‘s Cultar na Gàidhlig.  Tha Alasdair air cliù mhòr a chosnadh air feadh an t-saoghail airson cluich is teagasg na fidhle.  Am bliadhna, bidh Natalie Haas còmhla ri Alasdair airson bliadhna eile aig a’ Cholaiste agus bidh an ceòladair ainmeil seo à Amerigea a’ ruith cùrsa airson daoine a tha a’ cluich an “cello”.
’S ann mu dheidhinn a bhith ag ionnsachadh a’ chiùil ann an dòigh tlachdmhor agus cuideachail a tha an cùrsa seo, le bhith a’ brosnachadh daoine a bhith cruthachail is misneachail cuideachd.  Bidh cothroman gu leòr airson pùirt ionnsachadh aig na
bùthan-obrach tron latha agus tron t-seachdain seo, cluichidh Alasdair, an luchd-oide agus na h-oileanaich aige aig a’ Cholaiste is  aig seiseanan ionadail ann an Slèite. 

Gabhaidh clàradh airson a’ chùrsa àite feasgar Disathairne, ach tha sinn a’ moladh gum bi sibh ann feasgar Dihaoine oir bidh cuirm-ciùil ann agus cothrom agaibh deisealachadh airson na seachdain a tha romhaibh.

Cuideachd, aig deireadh a’ chùrsa bidh cèilidh ann feasgar Dihaoine agus ‘s fhiach smaointinn air feasgar eile a chur seachad aig a’ Cholaiste, ged a bhios an teagasg deiseil an uair sin.

Tha an cùrsa seo an còmhnaidh làn, mar sin feumaidh sibh an t-àite agaibh a ghleidheadh cho luath ‘s as urrainn dhuibh.