Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Òrain Ghàidhlig le Christine Primrose

Cinn-latha: 10/04/17 - 14/04/17
Cosgais: £250 (£175 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Christine Primrose
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


Ag ionnsachadh na Gàidhlig tro òrain

Air a’ chùrsa-chòmhnaidh fad 5 làithean ann an Òrain Ghàidhlig, gheibh na h-oileanaich blasad gràmar is fuaimneachadh na Gàidhlig agus chithear mar a thèid rosg-rannan Gàidhlig a chruthachadh. Nithear sgrùdadh air eachdraidh is dualchas nan òran,   a thuilleadh air còmhradh air na daoine a rinn iad, an saoghal anns an robh iad beò agus a’ bhuaidh phoilitigeach, shòisealta is chultarail a bh’ air na h-òrain.

Tha an cùrsa seo fosgailte do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an òrain Ghàidhlig agus cha leig a leas eòlas a bhith agaibh air a bhith seinn air àrd-ùrlair.  Bidh cruinneachadh beag de dh’ òrain Ghàidhlig air teanga nan oileanach ro dheireadh a’ chùrsa.  Tha làn chead agaibh innealan-clàraidh a thoirt leibh gus na h-òrain a chlàradh tron t-seachdain leis gun tèid a' chùrsa a theagaisg as aonais pàipearan ciùil.

Tha Cairistìona Primrose à Carlabhagh, taobh siar Eilean Leòdhais.  Bha a’ Ghàidhlig aice bho thùs is tha i air a bhith a’ seinn òrain traidiseanta sa Ghàidhlig fad a beatha, ann an diofar dhùthchannan mar Amaireaga, Canada, Sealainn Nuadh, Astràilia is  an Roinn Eòrpa.  Bhuannaich Cairistìona Bonn Òr an t-Seann Nòis agus anns an t-Samhain 2009, choisinn i an duais ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba.  Tha Cairistìona ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig a' teagasg air a' Chùrsa (BA) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta.

Airson beagan a bharrachd fiosrachaidh is cuid de na h-òrain aice a chluinntinn, brùth an seo.