Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Òrain Ghàidhlig le Christine Primrose

Cinn-latha: 01/04/13 - 05/04/13
Cosgais: £180 (£110 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Christine Primrose
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


Tha Cairistìona Primrose à Carlabhagh, taobh siar Eilean Leòdhais. Bha a’ Ghàidhlig aice bho thùs is tha i air a bhith a’ seinn òrain thraidiseanta sa Ghàidhlig fad a beatha, ann an diofar dhùthchannan mar Amaireaga, Canada, Sealan a Nuadh, Astràilia is an Roinn Eòrpa. Bhuannaich Christine am Bonn Òr an t-Seann Nòis agus anns an t-Samhain 2009 choisinn i an duais ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba. Tha Cairistìona ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig a' teagasg air a' Chùrsa (BA) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta.

Air a’ chùrsa-chòmhnaidh fad 5 làithean ann an Òrain Ghàidhlig, gheibh na h-oileanaich blasad gràmar is fuaimneachadh na Gàidhlig agus chithear mar a thèid seantansan Gàidhlig a chruthachadh. Nithear sgrùdadh air eachdraidh is dualchas nan òran, cuide ri còmhradh air na daoine a rinn iad, an saoghal anns an robh iad beò agus a’ bhuaidh phoilitigeach, shòisealta is chultarail a bh’ air na h-òrain.

Tha a' chùrsa seo fosgailte do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an orain Ghàidhlig agus cha leig a leas eòlas a bhith agaibh air a bhith seinn air àrd-ùrlair. Bidh cruinneachadh beag de dh’òrain Ghàidhlig air teanga nan oileanach ro dheireadh a’ chùrsa.

Airson beagan a bharrachd fiosrachaidh is cuid de na h-òrain aice a chluinntinn, bruth an seo.