Cùrsa 'Òrain òl is fealla-dhà' le Maighread Stiubhart
Cinn-latha: 29/07/13 - 02/08/13
Cosgais: £180 (£110 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Maighread Stewart
Maoineachadh ILA ri fhaighinn:
Chan eil
Clàraich an-dràsta!
![]() |
|
Photo courtesy of Euphoria Photography |
Mar phàirt den bhliadhna shònraichte aig a’ Cholaiste am bliadhna, tha sinn toilichte cùrsa goirid ùr a thabhann le Maighread Stiùbhart. Bidh an cùrsa seo a’ leantainn air an t-sreath de chùrsaichean òrain a tha Maighread air a bhith a’ teagasg aig a’ Cholaiste.
Anns a’ chùrsa còig latha seo stèidhichte aig a’ Cholaiste, bidh Maighread a’ toirt sùil air na h-òrain a’ dèiligeadh leis a bhith ag òl deoch làidir is fealla-dhà, Bidh i a’ coimhead air na h-òrain mu dheidhinn uisge beatha, branndaidh is fìon agus òrain mu dheidhinn aoigheachd, bhainnsean is na h-òrain a th’ ann gu tur an aghaidh deoch làidir cuideachd. Bidh i a’ toirt a-steach nan òran a nochdas mu mhulad a th’ ann air sgàth cus ri òl bho àm nam bàrd cliùiteach, Clann MhicMhuirich, gus an latha an diugh.
Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom ann tadhal air taigh-staile Thalaisgeir agus ionnsachadh mar a chaidh an aon taigh-staile seo san Eilean Sgitheanach a chur air bonn an 1830 le Ùisdean agus Coinneach MacAsgaill. Gheibh oileanaich cothrom blas fhaighinn air an uisge bheatha seo cuideachd, dìreach airson fios acadaimigeach a-nis!
Mu Mhaighread
Rugadh agus thogadh Maighread Stiùbhart ann am baile Chuil Uaraich, Eilean Leòdhais, far an robh seinn agus bàrdachd mun cuairt oirre nuair a bha i òg. Bha i dèidheil air seinn bho bha i glè òg agus choisinn i am Bonn Òr aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1993 ann an Àrd Ruighe. Bhon uair sin, tha a cliù mar sheinneadair air sìor dhol am meud.
Tha fèill air Maighread cuideachd mar neach-teagaisg seinn agus 's iomadh seinneadair sean is òg a tha air buannachd fhaighinn às na clasaichean aice aig leithid Ceòlas an Uibhist a Deas, Fèis Willie Clancy an Èirinn, An Conservatoire Rìoghail ann an Glaschu agus an seo aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha Maighread cuideachd air a h-eòlas air ceòl agus òrain a chur gu feum anns a' phròiseact Tobar an Dualchais far an robh i am measg nan eòlaichean a bha an urra ri catalog a dheasachadh de na h-òrain a th' ann an tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba.
Tha Maighread cuideachd air mòran a dhèanamh an co-bhonn ri seinneadairean agus luchd-ciùil eile, agus tha an dà CD a rinn i còmhla ris a' phìobaire Ailean Dòmhnallach à Gleann Ùige (Fhuair mi Pòg agus Colla Mo Rùn), gu h-àraidh aithnichte, mar a tha an CD a rinn i leatha fhèin (Togaidh mi mo Sheòlta).
Choisinn Maighread an tiotal "Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna" ann an 2008 agus bha i a' rannsachadh òrain Ghàidhlig co-cheangailte ri Cogadh agus Còmhstri fhad ’s a bha i na Ceòladair air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig an-uiridh.
Airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn air Maighread Stiùbhart, faodaidh sibh bruthadh air seo agus airson an guth àlainn aice a chluinntinn, faodaidh sibh bruthadh air seo.
