Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Farpais nan Dealbh 2017

Buannaichean airson an co-fharpais 2016 fon chuspair: Solas

 

Sa chiad àite – Agnes Mitchell San darna àite - Nadja Eckerle

Airson 2017, tha sinn toilichte Farpais nan Dealbh a chumail a-rithist ri linn nan Cùrsaichean Goirid. San cho-fharpais, faodaidh oileanach cùrsa 5-latha a chosnadh aig Sabhal Mòr Ostaig, ri ghabhail ann an 2018. Gabhaidh an neach a bhuannaicheas an co-fharpais cìsean a' chùrsa agus àite fuirich na colaiste (5 oidhcheannan) saor is an asgaidh le taghadh bho na Cùrsaichean Gàidhlig, ceòl traidiseanta is cultarail againn. Gheibh an neach a choisinneas an dàrna àite teisteanas £50 ri chosg air cìsean teagaisg agus £25 ri chosg sa bhùth.

‘S e cuspair a’ cho-fharpais am bliadhna “Cultar Traidiseanta”. Cuir am follais cuspair a' cho-fharpais aig àm nan Cùrsaichean Goirid - anns na clasaichean, na tachartasan, an àrainneachd, na daoine, an aimsir... a rèir do thoil fhèin!

Le bhith a’ cur a-steach dealbhan dhan cho-fharpais, thathar a’ toirt cead do SMO a bhith gan cleachdadh airson stuthan margaideachd na Colaiste.  Ma tha coltas dhaoine eile anns na dealbhan agaibh, feumar cead fhaighinn bho gach neach mus tèid an dealbh a chur a-steach. Thèid ainm an neach-togail a chur ris an dealbh. 

Siuthadaibh! Nach cuir sibh na dealbhan agaibh gu - dealbh@smo.uhi.ac.uk.

Bidh an co-fharpais a' dùnadh air Diluain 4 An t-Sultain 2017 agus thèid an dà dhealbh a bhuannaicheas a chur air làrach-lìn na colaiste seachdain a tòiseachadh Diluain 18 an t-Sultain 2017.

Chan fhaodar barrachd na 5 dealbhan a chaidh a thogail air na Cùrsaichean Goirid 2017 a ghabhail bho gach neach.