Dealbhachadh Didseateach do luchd-adhartaich le Cailean MacGilleathain
Cinn-latha: 19/08/13 - 23/08/13
Cosgais: £200 (£130 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Cailean MacLean
Maoineachadh ILA ri fhaighinn:
Chan eil
Clàraich an-dràsta!

Tha an cùrsa seo ag ama air feadhainn aig a bheil deagh eòlais is misneach air a’ chuspair. ‘S e measgachadh de dh’ òraidean, taisbeanaidhean, còmhraidhean agus cuairtean a-mach air an tuath a tha anns a’ chùrsa. Tha toradh obrach a’ chùrsa ga taisbeanadh ann an Àrainn Chaluim Chille aig deireadh na seachdain.
Tha an cùrsa a toirt sùil air eachdraidh dhealbhadaireachd air a’ Ghaidhealtachd, prìomh-thùsan a’ chuspair, a bharrachd air mar tha dealbhan gan làimhseachadh ann an dòigh digiteach.
Bheir uidheam chamara leibh chun a’ chùrsa agus bhiodh e iomchaidh compiutair uchd le bathar bog freagarrach a toirt leibh cuideachd. Na gabh dragh mur a h-eil compiutair uchd agaibh idir, tha uidheaman freagarrach aig a’ Cholaiste fhèin. ‘S ann tro’ mheadhan na Beurla a tha an cùrsa seo ga libhrigeadh, gus am bith e freagarrach don a h-uile duine.
Bu chòir dhuibh an camara agaibh fhèin a thoirt leibh.
Tha fios a bharrachd ri fhaighinn air obair Chailein an seo: www.skye-media.com
