Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Farpais nan Dealbh 2013

     

Tha sinn air leth toilichte innse dhuibh gum bi sinn a’ ruith Farpais nan Dealbh thar na Cùrsaichean Goirid am bliadhna, far am faighear cothrom duais cùrsa còig latha le àite-fuirich a bhuannachadh aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2014.  Gheibh an neach a tha soirbheachail san cho-fharpais cèisean cùrsa agus àite fuireach SAOR IS AN ASGAIDH le taghadh bho na Cùrsaichean Gàidhlig, Ceòl Traidiseanta is Cultarail againn. Airson an neach a gheibh an dàrna àite, gheibhear teisteanas de £50 ri cosg air cìsean teagaisg agus airson an treas duais £25 ri cosg sa bhùth.

‘S e cuspair a’ cho-fharpais am bliadhna “Tlachdmhor”.  Thathar a’ sireadh dealbhan a tha a’ sealltainn grinneas is toileachais aig Sabhal Mòr Ostaig airson an co-fharpais seo.

Le bhith a’ cuir a-steach dealbhan dhan cho-fharpais, thathar a’ toirt seachad cead do SMO gan cleachdadh airson stuthan maragaidheachd na Colaiste.  Ma tha aodainn daoine eile anns na dealbhan agaibh, feumar cead fhaighinn bhon neach mus cuir thu an dealbh a-steach. Thèid ainm an neach a chur ris an dealbh. 

Siuthadaibh! Nach cuir sibh na dealbhan agaibh gu - dealbh@smo.uhi.ac.uk

Bidh an co-fharpais a' dùnadh air Diluain 2 An t-Sultain 2013 agus thèid an neach a bhuannaicheas air ainmeachadh air Diluain 9 an t-Sultain.  Chan fhaodar ach suas gu 5 dealbhan bho gach neach a chaidh a thogail air na Cùrsaichean Goirid 2013 a chuir a-steach.